Content deleted Content added
Loidhne 41:
B' fhearr leam tiotal na duilleige fhàgail mar as fhearr a dh'aithnichear agus an t-ainm eile a' cur san aiste: Homer (Greugais: Όμηρος no Ómīros). Chithear ann an [http://www.dasg.ac.uk/corpus/concordance.php?theData=homer&qmode=sq_nocase&pp=50&del=end&uT=y&del=begin&del=end&uT=y DASG] gun do sgrìobh na Gaidheil 'Homer', 'Plato', msaa. (Lorg mi [http://www.dasg.ac.uk/corpus/concordance.php?theData=bhirgil&qmode=sq_nocase&pp=50&del=end&uT=y&del=begin&del=end&uT=y 'Bhirgil'] cuideachd!)</br>
Cuiridh mi fàilte air do bheachdan agus argumaidean nam aghaidh ;) B' urrainn dhuinn poileasaidh tiotalan nan duilleagan a leasachadh gus am bi an Uici air an aon ràmh. --[[Cleachdaiche:Susan.nls|Susan.nls]] ([[Deasbaireachd a' chleachdaiche:Susan.nls|an deasbaireachd]]) 08:42, 24 dhen Chèitean 2017 (UTC)
 
: Hallò a charaid! Gu mì-fhortanach, chan eil mi a' fuireach an Alba ach ann am meadhan na Roinn-Eòrpa.
: Na h-ainmean: Tha poileasaidh ann a-cheana, [[Uicipeid:Ainmean is sloinnidhean]], agus tha mi dìreach a' feuchainn na h-aistean ag atharrachadh 's gum biodh iad a rèir na poileasaidh sin. Cuideachd, dar a ghluaiseas mi duilleag, cruthaichidh sin ath-threòrachadh: mar sin, ma tha duine a' sireadh "Homer", lorgaidh e sin, ged a bhiodh e air ath-threòrachadh gu "Ómīros". 'S e sin as coireach gum bi mi a' fàgail na h-ainmean Beurla (a-staigh eadar-ràdhan) aig [[Uicipeid:Aistean a dh'fheumas a h-uile uicipeid]]: bu chòir dha na ath-threòrachaidhean a bhith ann. Faodaidh mi aideachadh, ge-tà, gun dìochuimhich mi an-dràsta 's a-rithist an t-ainm Beurla a' fàgail taobh an ainm thùsail san teagsa fhèin, dar a ghluaiseas mi aiste; feuchaidh mi a bhith nas cùramaiche mu dheidhinn seo.
:Eadar dà sgeul, fàgaidh mi ainmean Sìonach, Seapanach no Innseannach sa chruth Bheurla, oir nach eil mi eòlach idir idir air na cànan sin, ach cha chreid mi nach bu chòir iad a bhith air an atharrachadh a rèir ISO-than iomchaidh mar an ceudna, ma bhios cuidegin comasach is deònach air sin a dhèanamh. --[[Cleachdaiche:Droigheann|Droigheann]] ([[Deasbaireachd a' chleachdaiche:Droigheann|an deasbaireachd]]) 09:39, 24 dhen Chèitean 2017 (UTC)