An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Litreachas"

Chaidh 12 bhaidht a chur ris ,  3 bhliadhnaichean air ais
b
gun ghearr-chunntas deasachaidh
(→‎Litreachas na h-Alba: ceangal a chàradh)
b
'S ann anns a' [[Briothannais|Bhriothannais]] a chaidh na teacsaichean a bu shine a chaidh a sgrìobhadh far a bheil Alba an-diugh agus a mhair gu ruige seo, gu h-àraidh ''[[Y Gododdin]]''. Tha iad a-nis nam pàirt den dhualchas [[Cuimris|Chuimris]]. As an dèidh, nochd sgrìobhaichean anns an [[Laideann]], [[Fraingis|Fhraingis]] no [[Seann-Lochlannais|Sheann-Lochlannais]] (ged a chaidh an ''[[Orkneyinga Saga]]'' ainmeil a sgrìobhadh ann an [[Innis Tìle]]), ach b' e litreachas sgrìobhte anns [[A' Bheurla Ghallda]] a dh'fhàs a bhith a bu chudromaiche anns na [[Meadhan-aoisean]], le bàird mar [[John Barbour]], [[William Dunbar]], [[Walter Kennedy]] (aig a bha Gàidhlig bho thùs) no [[David Lyndsay]].
 
As dèidh an [[Aonadh nan Crùintean|aonaidh eadar Alba is Sasainn]] ann an 1603, thug [[Beurla]] an àite a bha aig Beurla Ghallda mar a' phrìomh-chànan de litreachas Albannach,<ref>T.C. Smout: ''A History of the Scottish People 1560-1830'', 1969, tdd 460-461.</ref> ged a chùm ùghdaran mar [[Allan Ramsay]], [[Seumas Hogg|James Hogg]] agus am "bàrd nàiseanta" [[Raibeart Burns]] sgrìobhadh anns an Beurla Ghallda. Bhuannaich grunnan ùghdaran Albannach bhon àm sin cliù air feadh an t-saoghail, [[Seumas Mac a' Phearsain]] leis na h-"eadar-theangachaidhean" fuadain Oiseanach, [[Walter Scott]] le nobhailean eachdraidheal, [[Robert Louis Stevenson]] agus [[Arthur Conan Doyle]] nam measg. Anns am 20mh linn thàinig ris an canar [[Ath-bheòthachadh na h-Alba]] le sgrìobhadairean mar [[Ùisdean MacDhiarmaid|Hugh MacDiarmid (Ùisdean MacDhiarmaid)]], [[Lewis Grassic Gibbon]], [[Compton Mackenzie]] agus [[Edwin Morgan]]. Chunnaic an dàrna leth den linn ùghdaran a' sgrìobhadh ann an dà de na cànanan na h-Alba, m.e. [[Iain Mac a' Ghobhainn (Crichton)|Iain Mac a' Ghobhainn]] (no Iain Crichton Smith) a sgrìobh an dà chuid anns a' Ghàidhlig agus anns a' Bheurla, air no [[Irvine Welsh]] a tha a' measgachadh na Beurla agus na h-Beurla Ghallda anns na nobhailean aige.
 
=== Litreachas Ghàidhlig ===
415

deasachadh