An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Alba"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 78:
== [[Cruinn-eòlas]] ==
 
Tha Alba suidhichte ann an ceann a tuath eilean Bhreatainn, agus '"s e a'" chrìoch le [[Sasainn]] taobh a deas na dùthcha. A bharrachd air tìr-mòr, tha na ceudan de dh' eileanan – leithid [[Sealtainn]], [[Arcaibh]] (Na h-Eileanan a Tuath) agus [[Na h-Eileanan an Iar]] air an gabhail a-steach san rìoghachd. Tha tìr-mòr na h-Alba air a roinn ann an trì pàirtean chudthromach: [[Gàidhealtachd na h-Alba|a' Ghàidhealtachd]], [[Galldachd|a' Ghalldachd]] agus [[na Monaidhean a Deas]]. Tha a’ chuid as motha den t-sluagh a' fuireach sa Ghalldachd Mheadhanaich - no Meadhan na h-Alba, far am faighear na bailtean as motha ; [[Glaschu]] agus am prìomh-bhaile [[Dùn Èideann]] .
 
== [[Eòlas-talmhainn]] ==
Loidhne 90:
'''Ri linn nan Ròmanach'''
 
Anns a' bhliadhna 80 A. D. bha uachdaran [[Na Ròmanaich|Ròmanach]] a' riaghladh ceann a deas [[Breatainn|Bhreatainn]] dom b' ainm [[Agricola]], a smaoinich air an eilean gu h-iomlan a thoirt fo chìs do na Ròmanaich. Leis an rùn sin chuir e air a' bhliadhna ud aghaidh gu tuath air ceann an airm. Bha sin 135 bliadhna an dèidh dhaibh sealbh a ghabhail air ceann a deas an eilein. Ghabh e air adhart le cruaidh iomairt, gus an ceann thrì bliadhna, (trì campachaidhean mar a theireadh iadsan), an do cheannsaich e an tìr gu iomall a deas ann an àite den dùthaich ris an abrar a-nis [[Gàidhealtachd na h-Alba|a' Ghàidhealtachd]]. 'S e sin an t-àite as cuinge den eilean gu h-iomlan. Chan eil ach 35 mìle eadar ceann na [[Friù]] agus taobh [[Abhainn Chluaidh]]. Thog Agricola sreath dhaingnichean bho mhuir gu muir an siud anns am bheil mu 36 mìle air fad mar chrìoch eadar roinn na Ròimhe agus [[Tìr nan Cailleannach]] no ''Caledonia'' mar a bh' aca oirre. Ghoirteadh [[Gàradh Antoninus]] ris, oir b'e siud ainm an [[Ìmpire]] a bh' ann nuair a thogadh e. Bha e fichead troigh air àirde, 's ceithir troighean fichead air tiughad, 's [[dìg]] leathann, dhomhainn, air a cladhach ri a aghaidh. Bha [[rathad]] leathann airson nan saighdearan a' ruith air a thaobh deas bho cheann gu ceann; 's bha daingnichean air an togail o cheann gu ceann dheth, an uidhe dhà mhìle bho chèile. Cha robh siud a' cumail muinntir nam beann bho bhith an-dràsta 's a-rithist a' toirt ionnsaigh air a' bhalla, 's orra-san a bha ga dhìon. Thug [[Gnothach Dharien]] droch bhuaidh air an dùthaich.
 
== Alba ùr-nodha ==
Tha sia bailtean mòra ann an Alba:
 
* [[Glaschu]];
* [[Dùn Èideann]], prìomh-bhaile;
* [[Obar Dheathain]];
* [[Dùn Dèagh]];
* [[Inbhir Nis]];
* [[Peairt]].
 
== Poileataigs ==
Loidhne 110:
 
== Foghlam ann an Alba ==
Tha còig Oilthighean aosmhor Albannach ann. 'Siad :
 
* [[Oilthigh Chill Rìmhinn|Cill Rìmhinn]];
* [[Oilthigh Dhùn Dè|Dùn Dè]];
* [[Oilthigh Ghlaschu|Glaschu]];
* [[Oilthigh Obar Dheathain|Obar Dheathain]];
* [[Oilthigh Dhùn Èideann|Dùn Èideann]].
 
Tha trì oilthighean deug ann an Alba gu lèir.