An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Eadar-theangachadh a' Bhìobaill gu Gàidhlig"

Content deleted Content added
minimal renamings
Stop using his English name.
Loidhne 1:
Tha '''eadar-theangachadh a' Bhìobaill gu Gàidhlig''' a' dol air ais gun bhliadhna 1801. 'S e [[JohnSeon CarswellCarsuel]], Easbaig nan Eilean, a chuir Gàidhlig air [[Foirm na n-Urrnuidheadh]] ann an 1567. Ged a tha an cànan ann nas fhaisge air [[Gàidhlig Chlasaigeach]] na Gàidhlig, thathar a' gabhail ris mar a' chiad leabhar a chaidh a chlò bhualadh sa Ghàidhlig.<ref>Heal, Felicity ''Reformation in Britain and Ireland'' (2005) td 282</ref> Rinn [[Dùghall Caimbeul]] a bhuineadh a [[Cnapadal|Chnapadal]] eadar-theangachadh dhen [[Seann Tiomnadh|t-Seann Tiomnadh]] ann an 1673 ach 's e làmh-sgrìobhainn a bh' ann agus cha deach fhoillseachadh a-riamh.<ref>Fox, A. ⁊ Woolf, D. ''The spoken word: oral culture in Britain, 1500-1850'' (2002) td 94</ref> Bha [[James Kirkwood (Eaglais na h-Alba)|James Kirkwood]] (1650-1709) a' brosnachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus rinn e oidhirp tionndadh dhen Bhìoball Ghaeilge a rinn [[William Bedell]] ach cha do shoirbhich leis, ged a shoirbhich le pròiseact eile, foillseachadh de [[Salmadair|shalmadair]] sa Ghàidhlig ann an 1684.<ref>Claydon, T. ⁊ McBride, I. ''Protestantism and National Identity: Britain and Ireland'' (2007) td 176</ref><ref>Ferguson, W. ''The Identity of the Scottish Nation: An Historic Quest'' (1988) td 243</ref>
 
Cha b' ann ach an dèidh [[Blàr Chuil Lodair]] ann an 1746 gun do thòisich an [[Society in Scotland for Propagating Christian Knowledge]] air Gàidhlig a chur air a' Bhìoball ann an da-rìreabh a-mach on bhliadhna 1755.<ref>Szasz, M. ''Scottish Highlanders and Native Americans: indigenous education'' (2007) td 100</ref> Anns a' chiad dol a-mach, chaidh an [[Tiomnadh Nuadh]] fhoillseachadh le [[Seumas Stiùbhart (Eaglais na h-Alba)|Seumas Stiùbhart]] (1701-1789), ministear [[Cill Fhinn|Chill Fhinn]],<ref>Foster, G. ''Language and poverty: the persistence of Scottish Gaelic'' Memorial University of Newfoundland. Institute of Social and Economic Research, 1988 </ref> agus am bàrd [[Dùghall Bochanan]] ann an 1767. Stèidhich Seumas obair air an tionndadh [[Greugais|Ghreugais]] agus chuir Dùghall piseach air a' Ghàidhlig.<ref>Jackson, R. ''Oxford Dictionary of National Biography "Buchanan, Dugald (1716–1768)" (2004)</ref><ref>Greenslade, S. (deas.) ''The Cambridge History of the Bible'' Volume 3 (1975) td 173</ref> Chaidh am Bìoball slàn fhoillseachadh mar thoradh air sin ann an 1801.<ref>Meek, Dòmhnall ''Language and Style in the Scottish Gaelic Bible (1767-1807)'' ann an ''Scottish Language'' Irisean 9-12 Association for Scottish Literary Studies </ref><ref>Koch, J. ''Celtic culture: a historical encyclopedia'' (2006) td 208</ref>