An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Achd na Croitearachd (1886)"

Content deleted Content added
Loidhne 34:
Bha beachdan eadar-dhealaichte ann mun achd seo. Air an dàrna làimh bha na croitearan a' caoineadh nach deach an achd fada gu leòr, air sgàth 's nach robh cothrom aca greim fhaighinn air fearann torrach airson na croitean beaga aca a leudachadh. Agus na b' mhiosa, cha robh an achd a' dèiligeadh le suidheachadh nan coitearan, aig nach robh fearann idir. Ach an dèidh greis chunnaic iad gun robh an coimisean deònach na còirichean aca a chur gu bhuill, gu h-àraidh a thaobh tèarainteachd màil. Gu mì-fhortanach bha cion-airgid aig a' choimisean agus cha robh fearann gu leòr ann airson a thoirt do na croitearan cuideachd. Cha robh an achd a' dèiligeadh leis an duilgheadas a bu mhotha: am fearann a thoirt air ais do na croitearan. Cha robh fuasgladh ann do na cùisean far an robh an t-uachdaran agus na croitearan ag iarraidh an dearbh pìos fearainn.<ref> Thomson: ''The Companion to Gaelic Scotland.''1983, d. 237</ref>
 
Air an làimh eile thuirt na h-uachdaran gun robh "''...communism looming in the future''" agus sgrìobh am pàipear-naidheachd [[The Scotsman]] gum b' e "''great infringement on the rights of private property''" a bha anns an achd seo. <ref>Hunter: ''The making of the crofting community.'' 1976, d. 225</ref>
 
Cha do chuir an achd crìoch air strì nan croitearan, air sgàth' s gun robh [[Arthur Balfour]] dhen bheachd gun tug an achd seo ùghdarras mhoralta dha gach ùpraid a chur sìos le armachd airson ''Law and order'' a stèidheachadh a-rithist. <ref>Hunter: ''The making of the crofting community.'' 1976, S. 228</ref> Mar sin thàinig bàtaichean-cogaidh air ais don Eilean Sgitheanach agus [[Tiriodh]].