An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Alasdair MacGriogair"

Content deleted Content added
No edit summary
b iomradh a leasachadh
Loidhne 13:
B'e ministear agus sgrìobhadair a bh' ann an '''Urramach Alasdair MacGriogair''' (1806-1881).
 
Rugadh an t-urramach Alasdair MacGriogair anns a’ bhliadhna [[1806]] an [[Gleann Gharthain]], ri taobh [[Uisge Dé]], an [[Siorrachd Obar Dheathain]] far an robh athair 'na mhinisteir. Ghluais athair gu sgìre [[Cille Mhoire|Chill Mhoire]] an Tròndairnis anns [[an t-Eilean Sgitheanach|an eilean Sgitheanach]] agus an dèidh àireamh bhliadhnachan, shuidhicheadh Alasdair MacGriogair gu bhi 'na cho-aoghaire d’a athair. Dh’fhan e an sgìre Chill Mhoire gus a bhliadhna [[1850]], an uair a chaidh a ghairm do eaglais Ghàidhlig Dhùn Èidinn. Trì bliadhna an déidh sin, chaidh e do [[Inbhir Nis]], far an do chaochail e anns a’ bhliadhna 1881.<ref name="Watson">Watson, W.J. (deas.) (1915) ''[http://digital.nls.uk/126277676 Rosg Gàidhlig]'' (Inverness: An Comunn Gaidhealach), d.8</ref>
 
Sgrìobh e àireamh mhòr phàipearan air iomadh stèidh anns a’ [[Cuairtear nan Gleann|''Chuairtear'']], am [[Fear-tathaich nam Beann|''Fear-tathaich nam Beann'']], agus anns a’ [[An Gàidheal|''Ghaidheal'']], cuid diubh fon ainm ''Sgiathanach'', is cuid eile fon ainm ''Alasdair Ruadh''.
 
Ann am beachd [[Uilleam MacBhatair|Watson]]: 'Bha buaidh shònraichte aig an duine fhoghlaimte urramach seo air nochdadh an cainnt shoilleir bhrìoghmhor nithean àrda agus cudthromach nach gabh mìneachadh gu furasda sa Ghàidhlig.'<ref name="Watson" />
 
== Sgrìobhaidhean ==