Content deleted Content added
Loidhne 67:
Hai a [[Cleachdaiche:Catrìona|Chatrìona]]! Tha mi air [[Cleachdaiche:Susan.nls/Prògram Obrach|duilleag]] a chruthachadh le liosta de na goireasan air a bhios mi ag obair san àm ri teachd. Chan eil e slàn fhathast ach beag air bheag cuiridh mi fiosrachadh ris. Bidh mi an uair sin a' sìreadh bheachdan o dhaoine eile mus tèid na goireasan 'beò' mar gum biodh.
Ach leis gu bheil thu eòlach air uicidhean eile agus gu bheil ùidh agad ann an 'structar' Uicipeid a leasachadh, bhiodh e math cluinntinn bhuat air na tha a dhìth. Chòrd e rium fhaicinn na teamplaidean a rinn thu air Mearachdan Litreachaidh agus Gràmair. Tha mi a' smaointinn gum bi iad feumail anns na bùthan-obrach a nì mi. --[[Cleachdaiche:Susan.nls|Susan.nls]] ([[Deasbaireachd a' chleachdaiche:Susan.nls|an deasbaireachd]]) 17:01, 23 dhen Mhàrt 2017 (UTC)
:Haidh [[Cleachdaiche:Susan.nls|Susan]] agus tapadh leat airson a' phuist-d agad. Dhìochuimnich mi cuideachd gum bu mhath "style guide" airson rudan mar ainmean nach eil anns a' Ghàidhlig (cuin a bu chòir an eadar-theangachadh, cuin an fheàrr an sèimheachadh, amsaa.) Dè an "register" a molar a chleachdadh? An robh e às An Spàinn neo às an Spàinn? Am b' urrainn litreachadh neo tuisealan seann-fhasanta a chleachdadh? Am bu chòir comharran-labhairt eadar-theangachadh gu Gàidhlig? Ciamar a sgrìobhadh mur eil facal Gàidhlig cumanta air ruideigin? Agus mòran rudan eile. Mur eil poileasaidh mun dèidhinn, 's dòcha gum bu chòir duilleag ann airson sineach fhèin a shoillearachadh. Taing! [[Cleachdaiche:Catrìona|Catrìona]] ([[Deasbaireachd a' chleachdaiche:Catrìona|an deasbaireachd]]) 04:03, 25 dhen Mhàrt 2017 (UTC)