An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Aonghas Steafan Peutan"

Content deleted Content added
No edit summary
bNo edit summary
Loidhne 1:
Rugadh '''Aonghas Steafan Peutan''' ann an [[1888]], ann an [[Rear Little Judique]] ([[St Ninian]]), agus thogadh e an siud cuideachd. B' e seo an sloinneadh teaghlaich aige air fad: Aonghas Steabhan mac Aonghais ’ic Alasdair ’ic Aonghais ’ic Aonghais ’ic Dhòmhnaill ’ic Alasdair an Sgitheanaich. ’S e Aonghas, ogha Alasdair an Sgitheanaich (agus na shinn-sinn-seanair do dh’Aonghas Steafan) a ghluais a [[CeapEilean Cheap BreatannBhreatainn|Cheap Breatann]] ann an [[1901]], còmhla ri a bhean Iseabal a thàinig à [[Loch Abar]] ann an [[Alba]] o thùs.
 
==A bheatha==
Na dhuine òg, shiubhail Aonghas Steafan a dh’iomadh àite agus fhuair e obair ann an siud ’s ann an seo, mar bu trice na [[Saor|shaor]]. Ach, às dèidh greis, bhiodh e ag obair cuideachd air rathaidean-iarainn CPR na neach-coimhid. Ged a bha e air an [[Foghlam|sgoil]] bheag aig Glencoe Station fhàgail le foghlam foirmeil bunaiteach a-mhàin, chuireadh e luach mòr air ionnsachadh an-còmhnaidh, agus faodar a ràdh gur e duine fèin-fhoghlaimte a bh’ ann. Mar sin, na inbheach òg, is e ag obair gu cruaidh, chùm e air leis an fhoghlam aige fhèin, a’ frithealadh chlasaichean oidhche gus na sgilean a bhiodh feumail dha na obair a leasachadh – a leithid dealbhachaidh – ach a bharrachd air sin rachadh e gu clasaichean a bhiodh cuideachail dha chomasan sgrìobhaidh. Na b’ anmoiche na bheatha, bhiodh seo uabhasach feumail dha. Chaidh a thogail dhan [[arm]] ann an [[1918]] ach bha cead àiteachaidh aige fad aon bhliadhna agus thàinig an [[cogadh]] gu crìch mus tàinig e gu bhith an sàs anns an arm. Ann an [[1922]], is esan 34 [[bliadhna]] a dh’aois, phòs Aonghas Steafan Catrìona, aig an robh sinnsireachd a lean air ais gu [[Eige|Eilean Eige]], taobh deas air an [[An t-Eilean Sgitheanach|Eilein Sgitheanaich]]. Cheannaich iad tuathanas ann am [[Port Hood]] agus thog iad [[teaghlach]] an siud.
 
Fad a bheatha, bha meas mòr aig Aonghas Steafan air [[òran|òrain]] [[Gàidhlig|Ghàidhlig]], agus air a’ chànan fhèin. Nuair a bhiodh e a’ siubhal agus ag obair air falbh bhon taigh, ann am [[Maine]] no ann am [[Boston]], air neo nuair a bha e a’ frithealadh clasaichean oidhche ann an [[Eabhraig Nuadh (baile)|New York]], bhiodh a shùilean fosgailte an-còmhnaidh, is e a’ sireadh [[leabhar|leabhraichean]] de dh’òrain Ghàidhlig agus, às dèidh dha leabhar de leithid sin a cheannach, mar bu trice bhiodh e a’ sgrìobhadh càite agus cuin a cheannaich e e. Tha an cruinneachadh seo fhathast ann an taigh a mhic, ann an cèis-leabhraichean a rinn Aonghas Steafan fhèin dhaibh. Ged a bha e den bheachd nach robh guth làidir aige, agus mar sin nach do ghabh e òrain ann an cuirmean poblach, bhiodh Aonghas Steafan daonnan a’ seinn – an dà chuid airson spòrs agus ach am b’ urrainn dha na faclan a chumail na chuimhne.
Loidhne 8:
Cha robh àite sam bith anns a’ choimhearsnachd air an robh ‘Taigh Cèilidh’, ach gun teagamh fear dhe na h-àitichean far am biodh daoine a’ coinneachadh a bh’ anns an taigh Aonghais Steafain, agus sam biodh iad a’ cabadaich, ag aithris sgeulachdan agus a’ gabhail òran. Deigheadh tòrr Gàidhlig a bhruidhinn agus tòrr a sheinn. Bhiodh iomadh raconteur an làthair, ruigeadh seinneadairean matha, agus thigeadh daoine le stòras de shloinntearachd nan inntinn. Gu tric, bheireadh an fheadhainn a thàinig botal den ghealaich ghil leotha, agus gu do-sheachanta bhiodh hòro-gheallaidh aca. ’S e seo an suidheachadh anns an tigeadh tional Aonghais Steafain gu bith.
 
A bharrachd air a dhìorrasachd a thaobh nan òran, bha buadhan eile aig Aonghas Steafan a fhreagair gu math don obair seo: ged a chòrdadh còmhradh ris gu mòr, ’s e duine sàmhach a bh’ ann na nàdar – ’s dòcha gun abradh iad ‘deagh neach-èisteachd’ ris anns an là a tha ann; gu follaiseach, bha cuimhne air leth math aige; ach ’s e an tàlant a chomharraich e mar dhuine sònraichte – mì-choltach ris a’ mhòr-chuid anns na làithean sin – gun robh comas leughaidh agus sgrìobhaidh anns a’ Ghàidhlig aige. Bhiodh na h-ìrean litearrais a bh’ aige ceangailte ris na clasaichean oidhche anns a’ Bheurla a rinn e ann an New[[Eabhraig YorkNuadh (baile)|Eabhraig Nuadh]] na dhuine òg, is e a’ leasachadh nan sgilean fhèin; ach a rèir choltais bhiodh a chomas sgrìobhaidh anns a’ Ghàidhlig an crochadh na bu dlùithe air an sgrùdadh mhionaideach a dhèanadh e air na leabhraichean de bhàrdachd Gàidhlig a chruinnicheadh e is e a’ siubhal bho àite gu àite. Bhiodh comasan tuigse agus bruidhinn na Gàidhlig aig iomadh caraid dha, agus bhiodh comas leughaidh gu ìre aig cuid, ach bu tearc an comas sgrìobhaidh anns a’ chànan. Mar thoradh air sin, bha fhios aig gach duine a bhiodh a’ frithealadh nan cèilidhean anns an taigh aige, nan robh òran ann a chòrdadh ris, gum b’ urrainn do dh’Aonghas Steafan a sgrìobhadh sìos dha. Le òran mar sin, dhèanadh Aonghas Steafan dà lethbhreac: fear don duine a dh’iarr e, agus fear eile dha fhèin. Bhiodh deasbadan ann gu tric am measg nan daoine a bha an làthair mu dheidhinn nam facal ‘ceart’.
==Òrain==
Anns an tional a tha seo, tha 241 de dh’òrain rin lorg uile-gu-lèir, agus tha lethbhric de 155 dhiubh ann an Ionad nam Peutanach. Nochdaidh iad uile ann an làmh-sgrìobhadh sgiobalta, so-leughadh Aonghais Steafain. Air sgàth ’s gun robh e cho measail air òrain Ghàidhlig, tha feadhainn sa chruinneachadh a chaidh ath-sgrìobhadh à pàipearan-naidheachd agus à leabhraichean. Gu follaiseach, chaidh feadhainn – a leithid ‘Eilean Sgitheanach nam Buaidh’, le Tormod Dòmhnallach – a dhèanamh air taobh eile a’ chuain, ach chaidh a’ mhòr-chuid a dhèanamh ann an Ceap Breatann: tha pìosan ann le Iain an Sealgair, Aonghas Y. MacLellan agus Ailean an Rids.
Loidhne 27:
 
Tha cuid de na h-òrain gu math ionadail, is iad a’ dèiligeadh ri cùisean sa choimhearsnachd. Canaidh an nota ro aon dàn gur e ‘Song for Stephen Graham Judique on his one hundred birthday’ a bh’ ann, agus canaidh nota eile gun deach ‘Caoidh’ a dhèanamh ‘... by Donald MacLennan Port Hood for his wife who died in 1923 and buried up in Port Hastings air fonn “Will ye no come Back again”’.
 
An toiseach, thuig an t-Oll. Iain Seathach a thuig cho cudromach ’s a bha tional Aonghais Steafain Pheutain. Tràth sna seachdadan fhuair e cead dà lethbhreac a dhèanamh – an dàrna fear do leabharlann Oilthigh Naoimh Fransaidh Xavier, agus am fear eile do dh’Ionad nam Peutanach ann an Oilthigh Cheap Breatann.