An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Aonghas Steafan Peutan"

Content deleted Content added
b rugadh e ann an 1888
No edit summary
Loidhne 1:
Rugadh '''Aonghas Steafan Peutan''' ann an [[1888]], ann an [[Rear Little Judique]] ([[St Ninian]]), agus thogadh e an siud cuideachd. B' e seo an sloinneadh teaghlaich aige air fad: Aonghas Steabhan mac Aonghais ’ic Alasdair ’ic Aonghais ’ic Aonghais ’ic Dhòmhnaill ’ic Alasdair an Sgitheanaich. ’S e Aonghas, ogha Alasdair an Sgitheanaich (agus na shinn-sinn-seanair do dh’Aonghas Steafan) a ghluais a [[Ceap Breatann|Cheap Breatann]] ann an [[1901]], còmhla ri a bhean Iseabal a thàinig à [[Loch Abar]] ann an [[Alba]] o thùs.
 
==A bheatha==
Na dhuine òg, shiubhail Aonghas Steafan a dh’iomadh àite agus fhuair e obair ann an siud ’s ann an seo, mar bu trice na [[Saor|shaor]]. Ach, às dèidh greis, bhiodh e ag obair cuideachd air rathaidean-iarainn CPR na neach-coimhid. Ged a bha e air an [[sgoil]] bheag aig Glencoe Station fhàgail le foghlam foirmeil bunaiteach a-mhàin, chuireadh e luach mòr air ionnsachadh an-còmhnaidh, agus faodar a ràdh gur e duine fèin-fhoghlaimte a bh’ ann. Mar sin, na inbheach òg, is e ag obair gu cruaidh, chùm e air leis an fhoghlam aige fhèin, a’ frithealadh chlasaichean oidhche gus na sgilean a bhiodh feumail dha na obair a leasachadh – a leithid dealbhachaidh – ach a bharrachd air sin rachadh e gu clasaichean a bhiodh cuideachail dha chomasan sgrìobhaidh. Na b’ anmoiche na bheatha, bhiodh seo uabhasach feumail dha. Chaidh a thogail dhan [[arm]] ann an [[1918]] ach bha cead àiteachaidh aige fad aon bhliadhna agus thàinig an [[cogadh]] gu crìch mus tàinig e gu bhith an sàs anns an arm. Ann an [[1922]], is esan 34 [[bliadhna]] a dh’aois, phòs Aonghas Steafan Catrìona, aig an robh sinnsireachd a lean air ais gu [[Eilean Eige]], taobh deas air an [[An t-Eilean Sgitheanach|Eilein Sgitheanaich]]. Cheannaich iad tuathanas ann am [[Port Hood]] agus thog iad [[teaghlach]] an siud.
 
Line 8 ⟶ 9:
 
A bharrachd air a dhìorrasachd a thaobh nan òran, bha buadhan eile aig Aonghas Steafan a fhreagair gu math don obair seo: ged a chòrdadh còmhradh ris gu mòr, ’s e duine sàmhach a bh’ ann na nàdar – ’s dòcha gun abradh iad ‘deagh neach-èisteachd’ ris anns an là a tha ann; gu follaiseach, bha cuimhne air leth math aige; ach ’s e an tàlant a chomharraich e mar dhuine sònraichte – mì-choltach ris a’ mhòr-chuid anns na làithean sin – gun robh comas leughaidh agus sgrìobhaidh anns a’ Ghàidhlig aige. Bhiodh na h-ìrean litearrais a bh’ aige ceangailte ris na clasaichean oidhche anns a’ Bheurla a rinn e ann an New York na dhuine òg, is e a’ leasachadh nan sgilean fhèin; ach a rèir choltais bhiodh a chomas sgrìobhaidh anns a’ Ghàidhlig an crochadh na bu dlùithe air an sgrùdadh mhionaideach a dhèanadh e air na leabhraichean de bhàrdachd Gàidhlig a chruinnicheadh e is e a’ siubhal bho àite gu àite. Bhiodh comasan tuigse agus bruidhinn na Gàidhlig aig iomadh caraid dha, agus bhiodh comas leughaidh gu ìre aig cuid, ach bu tearc an comas sgrìobhaidh anns a’ chànan. Mar thoradh air sin, bha fhios aig gach duine a bhiodh a’ frithealadh nan cèilidhean anns an taigh aige, nan robh òran ann a chòrdadh ris, gum b’ urrainn do dh’Aonghas Steafan a sgrìobhadh sìos dha. Le òran mar sin, dhèanadh Aonghas Steafan dà lethbhreac: fear don duine a dh’iarr e, agus fear eile dha fhèin. Bhiodh deasbadan ann gu tric am measg nan daoine a bha an làthair mu dheidhinn nam facal ‘ceart’.
==Òrain==
 
Anns an tional a tha seo, tha 241 de dh’òrain rin lorg uile-gu-lèir, agus tha lethbhric de 155 dhiubh ann an Ionad nam Peutanach. Nochdaidh iad uile ann an làmh-sgrìobhadh sgiobalta, so-leughadh Aonghais Steafain. Air sgàth ’s gun robh e cho measail air òrain Ghàidhlig, tha feadhainn sa chruinneachadh a chaidh ath-sgrìobhadh à pàipearan-naidheachd agus à leabhraichean. Gu follaiseach, chaidh feadhainn – a leithid ‘Eilean Sgitheanach nam Buaidh’, le Tormod Dòmhnallach – a dhèanamh air taobh eile a’ chuain, ach chaidh a’ mhòr-chuid a dhèanamh ann an Ceap Breatann: tha pìosan ann le Iain an Sealgair, Aonghas Y. MacLellan agus Ailean an Rids.