Content deleted Content added
Loidhne 24:
::Bu toil leam faighneachd carson nach robh thu a' leantainn a' mholaidh aig Susan? Carson nach do chuir thu an [[:Roinn-seòrsa:Cànanan Ceilteach]] còmhla fo [[:Roinn-seòrsa:Cànain Cheilteach]]? Chaidh thu gu tur an aghaidh a‘ mholaidh seo agus chan eil sin an dòigh ceart gus cumail do mhodhan-obrach Uici. --[[Cleachdaiche:Sionnach|Sionnach]] ([[Deasbaireachd a' chleachdaiche:Sionnach|an deasbaireachd]]) 21:15, 25 dhen Ghearran 2017 (UTC)
:::Tha mi duilich a [[Cleachdaiche:Sionnach|Shionnaich]] shaoil mi gun robh an dà fhacal, "cànanan" agus "cànain", ceart ach cha bu choir a bhith dà roinn-seòrsa air aon chuspair. <del>Bidh mi an atharrachadh a-rithist.</del> Dh'atharraich mi na roinnean-seòrsa gu "cànain." Ciamar sguabaidh mi às roinnean-seòrsa "cànanan"? [[Cleachdaiche:Sìth-fheur|Sìth-fheur]] ([[Deasbaireachd a' chleachdaiche:Sìth-fheur|an deasbaireachd]]) 01:07, 26 dhen Ghearran 2017 (UTC)
 
 
A Shìth-fheur chòir,
is math gun robh thu feuchainn sgioblachadh a dhèanamh, ach feumaidh mi ràdh gum b' fheudar dhomh sgioblachadh a bharrachd a dhèanamh as do dhèidh fad da uair a thìde.
 
Tha mi a' faicinn gu bheil thu uabhasach dìoghrasach, ach leis an dòigh-obrach agad tha thu a' cruthachadh cus obrach airson chleachdaichean eile. Tha e coltach nach eil do chuid Ghàidhlig làidir gu leòr gus molaidhean is stiùiridhean a thuigsinn ceart neo teacsaichean gun mòran mhearachdan a sgrìobhadh.
 
Aig ìre phearsanta cha toil leam a bhith dì-bhrosnachail, ach mar rianadair an seo feumaidh mi Uicipeid a ghlèidheadh cuideachd agus duine a bhacadh a rinn bùrach an seo.
 
A-nis: chunnaic mi gun robh thu math air [https://gd.wikipedia.org/w/index.php?title=Meadhrath&diff=prev&oldid=528452 teamplaidean]
Mar sin, mar rianadair, feumaidh mi ràdh:
# Bhiodh e math agus ceart gu leòr nan cuireadh tu teamplaidean ri [[:Roinn-seòrsa:Bailtean na h-Alba]]
# Anns an àm ri teachd: Na cuir teacsaichean ris na h-aistean tuilleadh, chuir iad air an duilleig–deasbaireachd agus faighnich do [[Cleachdaiche:Akerbeltz| Akerbeltz]], [[Cleachdaiche:Susan.nls|Susan]] no mi fhìn, am bi iad ceart gu leòr a thaobh gràmar, structar nan seantansan agus tuigse. (Cuimhnich gum feum tùsan a bhith aca)
 
A Shìth-fheur, a bheil thu a' tuigsinn gu soilleir na sgrìobh mi? Ma bhios rudeigin neo-shoilleir, leig fios dhomh.--[[Cleachdaiche:Sionnach|Sionnach]] ([[Deasbaireachd a' chleachdaiche:Sionnach|an deasbaireachd]]) 09:05, 26 dhen Ghearran 2017 (UTC)