An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Taigh-solais Àird nam Murchan"

Content deleted Content added
- defaultsort
bNo edit summary
Loidhne 1:
[[Faidhle:Ardnamurchan Lighthouse3.jpg|thumb|Taigh-solais Àird nam Murchan]]
Tha '''Taigh-solais Àird nam Murchan''' suidhichte aig [[Rubha Àird nam Murchan]], mu leth mhìle air falbh bhon chnoc bheag ris an canar [[Corrachadh Mòr]], an t-àite as fhaide iar air tìr-mòr Bhreatainn. 'S ann an seo far bhios a’ chladaich dheasaich den leth-eilean [[Àird nam Murchan]] (a’ leantainn [[Loch Suaineart]] agus a' [[An Caol Muileach|Chaol Mhuilich]]) a’ ruith le chèile leis a’ chladaich thuathaich a tha air ruith le [[Rùm]], [[Eilean nam Muc]], [[Eige]] agus leis [[an t-Eilean Sgitheanach|an Eilean Sgitheanach]]. 'S e seo na co-chomharran a tha aige: 56° 43.6 Tuath agus 6° 13.4 Iar.
 
== Ainm ==
Chan eilear cinnteach cò às a thàinig ainm an [[taigh-solais]]. Tha dà bheachd ann:
Tha aon mhìneachadh ag ràdh gun tàinig e bho na faclan "''Àirde''" agus "''Muirchu''" ([[Dòbhran|biast dhubh]]) neo [[ròn]]<ref>
[http://www.scottish.parliament.uk/vli/language/gaelic/pdfs/placenamesA-B.pdf Iain Mac an Tàilleir] (pdf-Datei), "Placenames", Duilleag 7, Pàrlamaid na h-Alba (Beurla)</ref> agus a' ciallachadh: àite nam biastan dubha. Tha mìneachadh eile ag ràdh gu bheil an t-ainm ceangailte leis an fhacal: "''Muirchol''" leis a' chiall: àite spùinneadairean-mara.
 
== Eachdraidh ==
'Sa bhliadhna 1845 cheannaicheadh 20 acair-fearainn bho Alexander Cameron airson 20 nòtaichean. Fhuair e cuideachd 58 nòta airson nan trioblaidean a bha aige aig an àm nuair a bha an taigh solais air a thogail.
 
Rinn [[Alan Stevenson]] an dealbhadh. Bha esan a’ buntainn do theaghlaich Stevenson, a bha ainmeil air sgàth 's gun robh iad a’ dealbhaidh an cuid as motha de na taighean-solais ann an Alba. 'S e Taigh Solais Àird nam Murchan an t-aona fear air feadh an t-saoghail a tha deilbhte anns an stoidhle [[An Èipheit|Èipheiteach]] <ref>[http://www.ardnamurchanlighthouse.com/lighthouse.html ardnamurchanlighthouse] (Beurla)</ref> . Chaidh an tùr a thogail le clachan [[eibhir]] a thàinig às an eilean [[Muile]]. Bathar ag obair trì bhliadhnaichean gus an robh an taigh-solais deiseil. San [[5 an Dàmhair]] [[1849]] chaidh an solas a losgadh airson a' chiad turas.
 
An uair sin bha dithis luchd-obrach a' fuireach an-seo, b' e 18 nòtaichean gach bliadhna am pàigheadh a bha aca. Bha cothrom aca cuideachd dà [[bò|''bhò'']] agus dusan caoirich a chumail airson a bhith beò.
 
Sa madainn 22 am Faoilleach 1852 bha stoirm mhòr ann, chaidh pìosan den tùr a bhriseadh le dealanach. Thuit 40 troigh den rathad anns a’ mhuir agus bhris an cuid as motha den bhalla, a tha timcheall na togalaichean, sìos. Ged a bha bàta na luchd-obrach na laighe 15 troighean nas àirde na a’ mhuir làn mu dheireadh, bhris e às a chèile fo chumhachd nan tonnan àirde.
 
Bhon bhliadhna 1988 bidh an taigh solais ag obair fèin-ghluasadach, bidh an ''Northern Lighthouse Board'' a’ gabhail cùram air a-nise. Bhon bhliadhna 1996 tha taigh an luchd-obrach agus na togalaichean eile aig an ''Ardnamurchan Lighthouse Trust''. Tha ionad airson luchd-turais ann a-nise. Gheibh an luchd-turais fiosrachadh a bharrachd air sanasan-fiosrachaidh ann am Beurla agus ann an [[Gàidhlig]] a chaidh a chur an àrd aig cois an taigh-solais.
 
== Togalaichean ==
[[Faidhle:Ardnamurchan Lighthouse road.JPG|thumb|right|250px|An rathad, air an làimh chlì tha an solas-trafaig]]
 
Tha an taigh-solais 35 meatair a dh’àird os cionn an talamh, tha staidhre ann le 152 ceum. Tha e 55 meatair a dh’àird os cionn na mara, tha an solas ri fhaicinn aig astar 24 mìltean. ‘S e sin an comharra aige: ''Flashing (2) White every 20 Secs.''
 
Aig cois an taigh-solais tha inneal dearg ann airson fuaim àrd mhòr a dhèanamh, ma bhios e ceòthach. Ach chan eil an inneal seo ag obrachadh, tha fear ùr dealanach am broinn an tùir.
 
Dh’atharrachadh taigh luchd-obrach gu taigh tasgaidh. Tha an taisbeanadh a’ sealltainn ciamar a bhios an taigh solais ag obrachadh. Tha seòmar eile ann làn fhiosrachaidh mun dòigh beatha na luchd-obrach anns na 1940an. Air a thaobh tha taigh nan innealan. Anns an t-seann stàball tha [[cafaidh]] agus [[bùth]] ann a-nis.
 
Tha an rathad chun an taigh-solais gu math caol is lùibeach, mar sin tha solas trafaig ann. Canar gur e sin an t-aona fear a tha ann airson 50 mìle. <ref>[http://www.undiscoveredscotland.co.uk/kilchoan/ardnamurchanpoint/index.html undiscoveredscotland] (Beurla)</ref>
Loidhne 32:
<references/>
 
== Ceanglaichean a-mach ==
* [http://www.nlb.org.uk/ourlights/history/ardnamurchan.htm Northern Lighthouse Board] (Beurla)