An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Taigh-solais Orasaigh"

Content deleted Content added
No edit summary
bNo edit summary
Loidhne 9:
Ann an 1853, chaidh prìomhachas a thoirt dhan àite seo, còmhla ri seachd eile, mar àiteachan far an robh feum air taigh-solais. Bʼ e David Stevenson, [[bràthair-athar]] [[Robert Louis Stevenson]] a bha an sàs anns an gnothaich seo. Bha an teaghlach Stevenson gu lèir ainmeil an a bhith aʼ togail thaighean solais: Robert, seanair Robert Louis; Thomas, athair; agus David agus Alan, na bràthairean aig Thomas.
 
Air 10 an t-Samhain, 1857, lasadh solais Taigh-solais Orasaigh còmhla ri Rubha na Gall ([[Muile]]), [[Caol Acain]] agus Uisinis ([[Uibhist a Deas]]). Dhʼinnlich Thomas Stevenson acainn ùr teannachaidh solais a chaidh a chleachdadh sna h-àiteachan sin dhan chiad uair. Bha neart an t-solais ag atharradh a-rèir an astair air na taobhan diofraichte bhom faiceadh an solas. Bʼ e leasachadh a bha seo ann an sreath de leasachaidhean a thug e a-steach anns an t-siostam dioptric, far a bheil gathan gan cuir tro mheasgachadh de mheudaichearan. Chaidh cuid de na leasachaidhean sin a shealltainn anns an Fhèill-thaisbeanaidh Mòr ann an Lunnainn ann an 1851.
 
== Ceanglaichean a-mach ==