An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Taigh-solais Bell Rock"

Content deleted Content added
dealbh le Turner
bNo edit summary
 
Loidhne 4:
'S e an [[taigh-solais]] maireachdainn as sine air feadh an t-saoghail a tha suidhichte air [[sgeir]] a tha ann an '''Taigh-solais Bell Rock'''.<ref>{{cite web| url=http://www.bellrock.org.uk/| title=Bell Rock Lighthouse| publisher=David Taylor| accessdate=17. 1. 2014}}</ref> Chaidh a thogail eadar 1807 is 1810 le [[Robert Stevenson]] air Innis Cheap. Tha e anns a’ [[am Muir a Tuath|Mhuir a Tuath]] mu 11 mìle (18 km) san àird an ear [[an Linne Tatha]]. Tha e cho àrd ri 35 meatair (115 troigh) agus chithear an solas aige mu 35 mìle (56 km) chun na dùthcha.<ref name="nlb">{{cite web |url=http://www.nlb.org.uk/ourlights/history/bellrock.htm |title=Bell Rock Lighthouse| publisher=Northern Lighthouse Board |accessdate=17. 1. 2014}}</ref>
 
Rinneadh obair [[clachaireachd]] cho math agus aig ìre cho luachmhòr, nach robh leasachadh no ath-thogail a dhith air anns na 200 bliadhna sa chaidh. Chaidh lampaichean ùra agus dealradairean ùra a chur an àite an seann fheadhainn anns a' bhliadhna [[1842]], agus bho [[1988]] a-mach tha e ag obair fèin-obrachail.
 
Bha obair an taigh-solais ceangailte ri stèisean-obrach air tìr, ''Bell Rock Signal Tower'', a chaidh a thogail ann an 1813 aig obar port-mara [[Obar Bhrothaig]]. An-diugh, thèid a chleachdadh mar ionad luchd-tadhail is taigh-tasgaidh gus eachdraidh, dòigh-thogail, is dòigh-obrach an taigh-solais a thaisbeanadh.
 
== Ainm an taigh-solais ==
Chaidh a' chreag ainmichte mar "Inchcope" ann an 1540 le Alexander Lindsay, ach cha do nochd e air na seann chairtean oirthir an ear na h-Alba gus 1583, nuair a chuir Wagenhaer, neach- dealbhadair mhapaichean às an [[Na Tìrean Ìsle|Òlaind]], an t-ainm "''Tscaep''" ris. Le blàs [[Duitsis]] tha an t-ainm seo caran coltach ri "''Shcopp''", agus is dòcha ceangailte ri "Inchcope". <ref name="Mackay">{{cite web |author= Mackay, Peter |title= The Bell Rock over the centuries |url=http://www.bellrock.org.uk/lighthouse/lighthouse_mackay.htm|work= |publisher= bellrock.org.uk|date= |format= |accessdate=8.5.2014 }} (Beurla) </ref>
Tha beachd air bharrachd aig ''Scottish Place Names Society'' gur dòcha gun cuala Wagenhaer na seòladairean Albannach ag ràdh "''Scaup''" ris a’ chreag seo, seann ainm [[Beurla Ghallda|sa Bheurla Ghallda]] airson creag làin-mhara neo leabaidh fheusgan.<ref name="Mackay"/>
 
Nochd e ann an 1693 air mapa foillsichte le Greenville Collins mar "Inchcape" agus a rèir Haswell-Smith thàinig sin bho ainm [[Gàidhlig]]<ref name=Smith>{{cite book| author=Haswell-Smith, Hamish| year=2008| title=The Scottish Islands, td 488| location=Dùn Èideann| publisher=Canongate| isbn=9781847672773}}</ref>. (Gàidhlig: Innis Ceap<ref>[http://www2.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/sbg/lorg.php?facal=Inchcape&seorsa=Beurla&tairg=Lorg Stòr-dàta SMO]</ref>) Dh'atharraich ainm na creige a-rithist, ann an 1703 (mapa Adair) gu "''Scape''" agus ann an 1785 (mapa Ainslie) gu "''The Scape or Bell Rocks''". Mu dheireadh thall nochd e ann an 1792 (mapa Murdo Mackenzie) mar "''the Cape or Bell Rock''". Agus 's e sin an t-ainm a chaidh a chleachdadh ann an [[Achd na Pàrlamaid]] anns an thugadh cead gus an taigh-solais a thogail.<ref name="Mackay"/> Chithear e mar "''Bell Rock Lighthouse''" air a' chiad mhapa ùghdaras a' chabhlaich ann an 1815 agus chaidh an t-ainm seo a chleachdadh bhon uair sin.<ref name="Mackay"/>
 
== Iomraidhean ==