An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Na Seumasaich"

Content deleted Content added
bNo edit summary
Loidhne 5:
Chog luchd-leantainn Tigh Rìoghail nan Stiùbhartach ri luchd-leantainn [[Tigh Rìoghail Hanobhair]], a thug Crùn Bhreatainn bhuapa san [[an t-Ar-a-mach Glòrmhoir|Ar-a-mach Ghlòrmhoir]], [[1688]].
 
Ged a bha mòran uaislean am Breatainn air fad nan Seumasaich, 's ann an [[Alba]] a dh'èirich a h-uile ar-a-mach – ann an [[1689]][[1690|-90]], [[1715]], [[1719]] agus [[1745]][[1746|-46]] ([[Bliadhna Theàrlaich]]). Bhiodh na Seumasaich a' cur mòran suim sna fineachan Gàidhealach, agus bha e nas fhasa dhaibh feachd armaichte a chruinneachadh air [[Gàidhealtachd na h-Alba]] airson adhbharan co-cheangailte ri cruth na tìre, eachdraidh sòisealta – gu seachd àraid an cumhachd a bh' aig na [[ceann-cinnidh|cinn-cinnidh]] agus an cuid [[fear-taic|fir-taic]] – agus dìth smachd an riaghaltas sna glinn.
 
Ged a bha na rìghrean seo (agus [[Prionnsa Teàrlach Stiùbhart]], mac an ochdamh Rìgh Sheumais), nam Pàpanaich, bha a chuid a bu mhotha dhen luchd-leantainn aca an Alba nan [[An Eaglais Easbaigeach| Easbaigich]]. Sa chumantas cha b' e adhbhar creidimh idir a thug air luchd-taic nan Seumasach èirigh.