An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Prionnsa Teàrlach Stiùbhart"

Content deleted Content added
No edit summary
bNo edit summary
Loidhne 40:
 
=== Carson a' Ghàidhealtachd? ===
Tha ceangal mòr eadar ainm Theàrlaich agus [[Gàidheal|Gàidheil Alba]]. Bha e earbsach asta agus cha b' ann gun adhbhar, oir bhiodh muinntir na [[Gàidhealtachd na h-Alba|Gàidhealtachd]], àite iomallach beanntach a bha doirbh dhan riaghaltas smachd a chumail air, a-riamh a' toirt taic dha [[na Seumasaich]] fo bhuaidh an cinn-chinnidh. 'S ann aig aois còig bliadhna fhichead a dh'fheuch Teàrlach ri Crùn a shinnsirean fhaighinn air ais. Dh'fhàg e [[an Fhraing]] mu mheadhan an t-samhraidh, [[1745]], agus cha b' fhada gus an robh e air tìr ann an [[Alba]], an [[Èirisgeigh|Eilean Èirisgeigh]]. Cha robh dùil aig na fineachan [[na Seumasaich|Seumasach]] ri leithid aig an àm ud, agus bha a' chuid a bu mhotha dhe na [[cinn-chinnidh]] dhen bharail nach robh cùisean fàbharach dhaibh. Ach mean air mhean chruinnich na Gàidheil còmhla ris, agus iad deiseal sabaid airson còir a theaghlaich.
 
=== Toiseach tòiseachaidh ===