An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Siùcar"

Content deleted Content added
fiosrachadh eile
dealbh
 
Loidhne 12:
 
Mun àm seo san Roinn-Eòrpa, cha robh siùcar aithnichte don mhòr-shluagh, ged a bha iomradh ga thoirt air bho thaobh leigheas, ach chuir saighdearan Eòrpach a bha a’ sabaid san Ear Mheadhanach, eòlas air agus bheireadh dhachaigh leotha e an dèidh cogaidhean a’ chreideimh.
[[Faidhle:Triangular trade.jpg|thumb|right|300px|An "Triangular trade" - dh'ion-phortaicheadh tràillean dhan Roinn Charaibeach airson obrach ann an tuathanachas siùcair.]]
 
Mu thimcheall 1390, dh’inntrigeadh dòigh fàisgidh na b’ fheàrr a thug comas dhaibh dà uimhir a bharrachd de shùgh fhaighinn às a’ chuilc. Rè nan linntean a lean sin, stèidhicheadh planntachasan siùcair ann an àird a deas na h-Eòrpa, ann an [[Ameireaga a Deas]], anns an Roinn Charaibeach (Innseachan na h-Àird an Iar) agus iomadh àite eile. Bha an bàrr gu mòr an sàs gnothach [[tràilleachd]] thar [[Cuan Siar|a' Chuain Shiar]], oir a bha feum mòr air obair aig tuathanachas siùcair agus bha bàsmhorachd nan tràillean glè àrd; mar sin b' fheudar an ath-sholar. 'S e ''Triangular Trade'' ann an ainm rian gus a mhalairtmalairt tràillean às an Afraga, siùcar às an Roinn Charaibeach agus ruma is saoithreachadh às an [[An Roinn-Eòrpa|Roinn-Eòrpa]] is [[Sasainn Nuadh]].
 
Dh'adhbharaich droch-ghrèidheadh nan tràillean Rèabhlaid na [[Haiti]] agus aramachan eile nan tràillean.