An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Innis nan Damh"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 25:
Faisg air Innis nan Damh tha Uamhan nan Cnàmhan ann (''Bone Caves'' sa Bheurla). Chaidh cnàmhan [[mathan|mathain]], [[sionnach|sionnaich]], [[Madadh-allaidh|madaidhean-allaidh]] is fiadh-Lochlannach a lorg. Lorgadh cnàmhan mathan-bàn cuideachd, na h-aon cnàmhan mathain-bhàn a chaidh a lorg ann an Alba gu ruige seo.<ref>McKenzie, Steven (2007) [http://news.bbc.co.uk/1/hi/scotland/highlands_and_islands/7279462.stm New tests on rare polar bear find"] (Beurla)</ref> Thathar den bheachd gu bheil iad mu 11.000 bliadhna a dh'aois no fiù 's nas sine na sin. Bho 2008 a-mach tha iad aig taigh Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba airson barrachd rannsachaidh. Lorgadh cnàmhan daonna cuideachd a tha cho sean ri trì mìle bliadhna [[RC]].
 
Tha tobhtaichean Caisteal na Airdh-Àird Bhrice suidhichte faisg air a' bhaile air bruach Loch Asaint. Chaidh an caisteal a mhilleadh le stoirm làidir ann an 1795.
Tha seann eaglais na paraiste Asaint an seo, a chaidh a thogail ann an 1743. Ach ann an 1814 bha an togalach ann an droch staing, gun suidheachanan ach le uisge a bha a‘ tighinn tron mhullach. Bha seilbheadair oighreachd Chataibh ag iarraidh eaglais ùr a thogail ann an Loch an Inbhir, agus mar sin dhiùlt e a càradh airson greis. Mu dheireadh thall rinn iad obair bhunaiteach, ach gun a bhith a' leigeil a-mach air an eaglais airson a bhith mòr gu leòr do dh'àireamh-shluaigh na h- Asainte. Chaidh an eaglais ath-nuadhachadh gu tur ann an 1900 leis an ailtire William Joass à [[Inbhir Pheofharain]]. Bhon uair sin bha an eaglais na pàirt cudromach ann am beatha na coimhearsnach, gus an deach i a dhùnadh anns na 1970an. Dh’fhosgail i a-rithist ann 2003 an dèidh ath-nuadhachaidh mar togalach airson na coimhearsnachd. Tha cruinneachadh den eachdraidh ionadail is tasglann sloinntearachd ann an-diugh.<ref>[http://www.discoverassynt.co.uk/viewdetails.php?id=48&rf=cat_137 Discover Assynt: Inchnadamph Old Parish Church] (Beurla)</ref> Faisg air an eaglais lorgadh pìosan de sheann chrois Cheilteach bhon àm eadar an 8mh is 11ad linn.
 
Bha taigh-seinneseinnse ann bho 1736 a-mach, a chaidh ath-thogail timcheall air 1774, agus 's e sin an ''Inchnadamph Hotel'' an-diugh. A-measg dhaoine ainmeil eile bha [[Ben Peach]] agus [[John Horne]] a' fuireach an seo, nuair a rinn iad an obair cliùiteach air geòlas na Gàidhealtachd. <ref>[http://www.scottish-places.info/scotgaz/towns/townfirst2042.html Gazetteer for Scotland] (Beurla)</ref>
 
{| class="wikitable"
|-
! Bliadhna !! Àireamh-sluaighshluaigh
|-
| 1774 || 79