An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Jane Austen"

Content deleted Content added
bNo edit summary
No edit summary
Loidhne 13:
Bha '''Jane Austen''' ([[16 an Dùbhlachd]] [[1775]] - [[18 an t-Iuchar]] [[1817]]) 'na sgrìobhadair [[Sasainn|Sasannach]] a sgrìobh nobhailean romansach mu na h-uachdaranan agus na teaghlaichean aca. Bhuannaich iad cliù dhì mar aon de na sgrìobhadairean a b' ainmeile anns a Bheurla. B' e am fìorachas, an t-ìoranas làidir, is an aithris shòisealta aice a bhuannaich dhì an t-àite eachdraidheil seo, a-rèir barail sgoilearan is bhreithnichean. Dh’fhuirich Austen fad a beatha mar phàirt de theaghlach a bha gu math dlùth. B’ e uachdaranan a bh’ annta, ach cha b' e teaghlach beartach no neartmhor a bh’ ann.
Fhuair i foghlam bho a h-athair is a bràithrean na b' aosta, agus barrachd air sàilleibh ’s gun do leugh i mòran. Bha taic dhìleas bhon teaghlach aice air leth cudromach dhì 'na leasachadh mar sgrìobhadair proifeiseanta. Mhair a preantasachd mar sgrìobhadair bho na bha i 'na deugair gus an robh i seachad air trithead bliadhna a dh’aois. Rè an ama sin, dh’fheuch i diofar cruthan litreachais. Thòisich i epistolary novel (nobhail tro litrichean/leabhar-latha), ach thug i thairis an nobhail seo. An uair sin, sgrìobh i is dh’ath-sgrùd i trì nobhailean cudromach is thòisich i air a’ cheathramh tè. Eadar 1811 is 1816 chaidh ''Sense and Sensibility'' (1811) ''Pride and Prejudice'' (1813), ''Mansfield Park'' (1814) is ''Emma'' (1816) fhoillseachadh, agus dh’fhàs i shoirbheachailsoirbheachail 'na sgrìobhadair. Sgrìobh i dà nobhail a’ bharrachd, ''Northanger Abbey'' is ''Persuasion'', agus chaidh an dà dhiubh fhoillseachadh às dèidh dhìa bàsachadhbàs. Thòisich i anobhail treas nobhaileile ach chaochail i mus do chuir i crìoch oirre.
 
BhaTha nobhailean Austen a’'nan cureisimpleirean air iolladhde na nobhailean bhon dàrna leth an ochdamh linn deug ris an canar ''novels of sensibility'' (nobhailean maoth-inntinneach). Bha nobhailean Austen 'nam pàirt de leasachadh na nobhail fìor-riochdail air an robh an naoidheamh linn deug ainmeil. 'S e plotan èibhinn a th’ anns na leabhraichean, aice, ach bhruidhneadh iad cuideachd mu eisimeileachd nam boireannach air a’ phòsadh airson cliù is teachd a-steach. Bha na leabhraichean aice fèill-mhor mar as trice, ach chaidh iad am foillseachadh neogun a h-ainmeachainm. Cha robh i fhèin ainmeil agus cha d’fhuair i ach beagan lèirmheasan matha fhad 's a bha i fhathast bheòbeò. Chaidh leabhar le ogha aice, ''A Memoir of Jane Austen'', fhoillseachadh ann an 1869 agus air sgàth seo dh’fhàs daoine san fharsaingeachd eòlach oirre. Rinn tòrr dhaoine rannsachadh acadaimigeach ma deidhinn anns an dàrna leth den naoidheamh linn deug agus a-nis tha iomadh neach-leantainn aig Jane Austen.
 
{{DEFAULTSORT:Austen, Jane}}