Content deleted Content added
Earrann ùr →‎Stràcan
Loidhne 33:
 
:: Deagh bheachd, chuir mi dà cheangal air a' Prìomh-Dhuilleig. Ach gu mì-fhortanach chan eil ùine gu leòr agam airson goireasan eile a dhèanamh. Chan eil mòran daoine a' coimhead orra co-dhiù. B' fheàrr leam fhèin aistean a sgioblachadh is a leudachadh, tha a' chuid as motha dhiubh dìreach uabhasach. Is dòcha bruidhinn ri [[Cleachdaiche:Susan.nls|Susan]] mu na goireasan a tha thu ag iarraidh. --[[Cleachdaiche:Sionnach|Sionnach]] ([[Deasbaireachd a' chleachdaiche:Sionnach|an deasbaireachd]]) 19:13, 28 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)
 
== Stràcan ==
 
Hi Catrìona, chunnaic mi gu bheil thu trang sgioblachadh mhearachdan. Tha sin math, ach ma bhios cuideigin a' sgrìobhadh anns an stoidhle tradaiseanta, chan eil adhbhar ann sin ag atharrachadh mar a rinn thu [https://gd.wikipedia.org/w/index.php?title=Na_Duilleagan_G%C3%A0idhlig&diff=next&oldid=504904 an seo]. Saoilidh mi gum bhiodh e math urram a chur air obair a' chleachdaiche agus an stoidhle aige. Ged-tha, mura bi stràcan sam bith ann no san àite ceàrr, bidh sin glè mhath. --[[Cleachdaiche:Sionnach|Sionnach]] ([[Deasbaireachd a' chleachdaiche:Sionnach|an deasbaireachd]]) 22:47, 31 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)