An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Würzburg"

Chaidh 24 baidht a chur ris ,  3 bhliadhnaichean air ais
tuiseal ginideach
('s e "A' Bhaidhearn" sa Gàidhlig)
(tuiseal ginideach)
| DÙTHAICH = [[Faidhle:Flag of Germany.svg |22px]] [[A' Ghearmailt]]
| CEÀRN = [[Faidhle:Unterfranken Wappen.svg|18px]] Unterfranken
| SGÌRE = [[Faidhle:Flag of Bavaria (striped).svg|22px]] [[Bayerna' Bhaidhearn]]
| LEUD = 49° 47' 40' Tuath
| ASTAIR = 09° 55' 46' Ear
}}
 
‘S e [[baile]] mòr eadar [[Nürnberg]] agus [[Frankfurt]] ann an cridhe [[A' Ghearmailt|na Gearmailte]] a th’ ann am '''Würzburg''' ([[IPA]]: ''vʏɐ̯tsbʊɐ̯k''). Tha e suidhichte aig 177m os cionn ìre na [[Muir|mara]], ri taobh [[Abhainn|na h-aibhne]] Main annsann an stàit [[a' Bhaidhearn|na Baidheirn]]. Tha am baile 152km air falbh bho [[Erfurt]], 96km bho [[Frankfurt]], 220km bho [[München]] agus 389km bho [[Berlin|Bherlin]].<ref>[http://www.luftlinie.org Luft Linie]</ref> Tha 124,698 duine a' fuireach ann.<ref>[https://www.destatis.de Destatis]</ref>
 
== Eachdraidh ==
Chaidh Würzburg a chlàradh ann ann [[704]] mar ''Castellum Virteburch'', ged a thathar dhen bheachd gur ann às an t-sean [[Ceiltis]] ''Briga'' ([[Gàidhlig]]: [[Dùn]]) a tha an t-[[ainm]].<ref>[http://www.rudis-kunstgeschichten.de/Namen.htm Rudis Kunstgeschichten]</ref> Stèidhich an [[naomh]] Bonifatius à [[Sasainn]] sgìre-easbaig an seo ann an [[742]]. Thogadh an [[cathair-eaglais]] ann an stoidhlstoidhle ròmaineasg eadar [[1040]] agus [[1225]] ann an àite far a thogadh a' chiad [[eaglais]] ann an [[788]].<ref>[http://www.dom-wuerzburg.de/geschichte/zeitleiste/ Dom Würzburg]</ref> Chaidh [[oilthigh]] a chur air dòigh ann an [[1402]] le [[Pàp Bonifatius IX]] agus [[Easbaig]] Johann von Egloffstein. Dhùnadh ann an [[1415]] e ach chaidh ath-stèidheachadh ann an [[1582]].<ref>[http://www.uni-wuerzburg.de/ueber/universitaet/geschichte/ Uni Würzburg]</ref> B' e [[prìomh-bhaile]] na [[Àrd-Dhiùcachd Würzburg]] a bh' ann bho [[1806]] gu ruige [[1814]],<ref>Köbler, Gerhard(1988). Historisches Lexikon der deutschen Länder. Munich:Verlag C. H. Beck, 639. ISBN 3406332900</ref> nuair a chaidh a thoirt a-steach gu [[Rìoghachd Bayern]]. Chaidh a' chiad thaigh-gnìomhachais innealan clò-bhualaidh san t-saoghal a stèidheachadh an seo ann an [[1817]], air an robh ''Schnellpressenfabrik Koenig & Bauer''.<ref>[http://www.kba.com/en/company/history/ Koenig & Bauer GmbH]</ref> Bha mu 2,000 [[Iùdhachd|Iùdhaich]] nan tàmh sa bhaile nuair a thoisich an [[Darna Cogadh]]. A rèir figearan nan Nàsach fhèin, chaidh 2,063 an toirt air falbh gu campaichean ioma-losgadh eadar [[An t-Samhain]] [[1941]] agus [[an t-Ògmhios]] [[1943]].<ref>[http://www.yadvashem.org/yv/en/exhibitions/communities/wurzburg/1939-1943.asp Yad Vashem]</ref> Chaidh a' chiad bhuidhean gu [[Riga]] ach an uair sin chaidh an toirt gu àiteachan eile mar Izbica, Krasnystaw, [[Theresienstadt]] agus [[Auschwitz]]. Cha robh ach 29 Iùdhaich beò anns a' bhaile aig deireadh a' chogaidh.
 
== Bailtean Co-cheangailte ==
*[[Faidhle:Flag of Ireland.svg|22px]] [[Bré]]
*[[Faidhle:Flag of France.svg|22px]] [[Caen]]
32,506

deasachadh