An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "An t-Aonadh Sobhiatach"

Content deleted Content added
b Speiligeadh
b sràcan
Loidhne 43:
}}
 
’S e dùthaich comannach a bh’annsbh’ anns an t-'''Aonadh nam Poblachdan Sòisealach Sobhiatach''' neo '''APSS''' ([[Beurla]]: ''USSR'', [[Ruisis|Ruiseis]]: ''СССР''), agus nuair a chaidh a stèidheachadh ‘s e a chiad dùthaich [[Sòisealachd|sòisealach]] ann an [[eachdraidh]] na cruinne a bh’annbh’ ann. Mhair an t-Aonadh bho [[1922]] gu [[1991]] agus ì suidhichte ann an [[Eurasia]]. Gu tric bhiodh feadhainn ga ainmeachadh mar [[an Ruis]] oir b’eb’ e an dùthaich ud an roinn is motha agus is cumhachdach am broinn an stàit. Bho [[1945]] gu briseadh an t-aonadh ann an [[1991]] – àm ris an canar an “[[Cogadh Fuar]]” – sheas an t-Aonadh Sobhiat an aghaidh [[Na Stàitean Aonaichte]] mar aon de na dhà dùthchannan is neartmhor, no “superpowers” mar chanar ‘sa [[Bheurla]], san t-saoghal aig an robh buaidh farsaing anns a h-uile pàirt den cruinne.
 
==Eachdraidh==
Thòisich agus dh’fhàs an USSR mar aonadh de na [[Poblachdan Sobhiat]] a bha a nochdadh anns na sgìrean de [[Impireachd an Ruis]] an dèidh don [[Ar a-mach Ruiseanach 1917|ar a-mach Ruiseanach]] ann an [[1917]] cuir às don Impireachd agus an [[Cogadh sìobhalta]] a lean agus a sheas eadar [[1918]] agus [[1921]]. Thairis air na bliadhnachan dh’atharraich na crìochan aig diofar amannan ach an dèidh do chrìoch an [[an Dàrna Cogadh|dara cogadh t-saoghal]] bha iad glè fhaisg air na crìochan a bh’aig [[Impireachd an Ruis]] ach as aonais [[A' Phòlainn]], a chuid mhòr de [[Suòmaidh]] agus [[Alasca]].
 
Chaidh an t-Aonadh Sobhiat a chleachdadh mar prìomh-samhail airson stàitean- comunnach eile tron an cogadh fhuar leis an riaghaltas agus òrdugh poilitigeach fo smachd [[Partaidh Comunnach an t-Aonadh Sobhiat|Pàrtaidh Comunnach an t-Aonadh Sobhiat]] a-mhàin.
 
An toiseach chaidh a chruthachadh mar aonadh de cheithir Poblachdan SòiselachSòisealach Sobhiat, dh’fhàs an USSR gu robh coir is 15 poblachdan aonaichte na broinn; [[Poblachd Sòisealach Sobhiat Armenia]], [[PSS Belaruis]], [[PSS Estonia]], [[PSS Georgia]], [[PSS Kazakh]], [[PSS Kyrgyz]], [[PSS Latbhia]], [[PSS Lituania]], [[PSS Moldobha]], [[PSS nan Ruis]], [[PSS Tajik]], [[PSS Turkmen]], [[PSS Ucràin]] agus [[PSS Ùsbeg]]. Bha na poblachdan nam pàirt de aonadh feadarail a bha gu ìre mòr fo smachd am Poblachd Sòisealach Sobhiat Ruiseanach.
 
Bhuineadh An USSR dhan [[Co-aonta Warszawa|Cho-aonta Warszawa]] eadar [[1955]] agus [[1990]].
== CeanardanCeannardan ==
* [[Vladimir Lenin]]
* [[Iosif Stalin]]