An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Gàidhlig"

Content deleted Content added
No edit summary
b mearachdan litreachaidh
Loidhne 5:
| Ainmean na h-àitichean = [[Alba]]
| Àitichean eile = [[Canada]], [[na Stàitean Aonaichte]], [[Astràilia]], [[Sealainn Nuadh]]
| Àireamh cànan màthaireil =58,552 ann an Alba <ref>[http://www.cnag.org.uk/munghaidhlig/stats/gspeakcensus01.php CnaG ¦ Census 2001 Scotland: Gaelic speakers by council area]</ref><br />2,000 ann an [[Alba Nuadh]] <ref>[http://www.gov.ns.ca/oga/aboutgaelic.asp?lang=en "Oifis Iomairtean na GaidhligGàidhlig]</ref><br />1,610 anns na Stàitean Aonaichte <ref name="mla">[http://www.mla.org/map_data_states&mode=lang_tops&lang_id=636 "Language by State - Scottish Gaelic"] aig làrach-lìn ''Modern Language Association'', a' tarraing air 27 an Dùbhlachd 2007</ref><br /> 822 ann an Astràilia <ref>[http://web.archive.org/web/20070621144459/http://www.omi.wa.gov.au/WAPeople%5CSect1%5CTable%201p04%20Aust.pdf "Languages Spoken At Home"] bho làrach-lìn Riaghaltas Astràilia: ''Office of Multicultural Interests'', a' tarraing air 27 an Dùbhlachd 2007</ref><br /> 669 ann an Sealainn Nuadh <ref>[http://web.archive.org/web/20070927232047/http://www.stats.govt.nz/NR/rdonlyres/1C81F07B-28C6-4DDD-8EBA-80C592E8022A/0/20languagespokentotalresponse.xls Languages Spoken:Total Responses] làrach-lìn staitistearachd Seallainn Nuaidh, a' tarraing air 5 an Lùnasdal 2008</ref>
| Àireamh ciad chainnt =
| Reangach =
Loidhne 39:
Tha a’ Ghàidhlig air a bhith ga bruidhinn ann an Alba fad còrr is 1500 bliadhna, bhon a thugar a-nall à Èirinn i le na fògarraich a thathaich ann an [[Dail Riata]], mòr-thir cuimseach far a bheil Earra-Ghàidheal an-diugh. Bhon toiseach seo, sgaoil a’ Ghàidhlig a-mach tron mhòr chuid dhen dùthaich agus gu Innse Gall, a gabhail àite nan Cruithneach agus nan treubhan Ceilteach eile a bha san tìr. ''Cha do dh’fhuirich taobh a-muigh "Alba Ghàidhealach" seo ach a-mhàin Gallaibh, fìor earra dheas na dùthcha, agus na h-eileanan aig tuath.'' Le sin, feumaidh gun deach a’ Ghàidhlig a bhruidhinn, sa mhòr-chuid na dùthcha agus tha i air dìleab fhàgail ann an ainmean-àite na dùthcha.
 
Le stèidheachadh Rìoghachd Dhál Riata mu àm na 4mh linne, agus e a' dèanamh ceangail eadar an seann roinn de dh'[[Ulaidh]] ann an taobh a tuath na h-Éireann agus taobh siar na h-Alba, dh' fhàs cumhachd agus sgaoil na Gàidhlig agus bha buaidh mhòr aig an [[Eaglais GaidhealachGàidhealach|eaglais GhaidhealaichGhàidhealaich]] air a' chànan, agus i a' sìneadh a-mach tarsainn air Breatainn a tuath. Tha dearbhadh ainmean-àite a' sealltainn gun robh a' Ghàidhlig ga bruidhinn anns na [[Gall-Ghàidhealaibh]] mun 5mh no 6mh linn. An dèidh greis ghabh a' Ghàidhlig àite cànan nan [[Cruithneach]] gu tuath an [[Linne Foirthe|Uisge For]] agus cho fadalach ris an 15mh linn, b' e ''Scottis'' an t-ainm a bha orra anns a' Bheurla.
 
San naoidheamh linn às dèidh bhreith Chrìosda, bha ceannard nan Gàidheal, [[Coinneach I na h-Alba|Coinneach MacAilpein]] air na Cruithnich agus na Gàidheil a thoirt còmhla agus bha e mar a’ chiad riaghladair air Alba, mòr-raon a bha a’ gabhail a-steach a’ mhòr-chuid de dh’ Alba tuath air aibhnichean Fhoirthe agus [[Cluaidh|Chluaidh]]. Chun an latha an-diugh cleachdar an t-ainm ''Alba'' airson na dùthcha air fad.
Loidhne 49:
Mun àm seo, thòisich an cànan a' fàs diofraichte bho [[Gàidhlig na h-Èireann|Ghàidhlig na h-Èireann]].
 
Thòisich a' Ghàidhlig a' crìonadh air tìr-mhór na h-Alba mu thoiseach na 13mh linn agus leis a-seo thòisich i a bhith a' call a h-inbhe mar chànan nàiseanta. Mu thoiseach na 15mh linn bha sgeul air tighinn [[Mì rùn mòr nan Gall]] agus cò-strì eadar na h-Albannaich Ghàidhealach agus na h-Albannaich Ghallda. Ged a bhàsaich a' Ghàidhlig anns a' chuid as motha den [[Galldachd|Ghalldachd]] bha i fhathast ga bruidhinn ann am pàirtean, [[Charraig]] agus na [[Gall-Ghaidhealaibh|Ghall-GaidhealaibhGhàidhealaibh]] nam measg, cho fadalach ris an 18mh linn.
 
Ann am bliadhnaichean tràtha an 16mh linn, dh' atharraich na Goill ainm na Gàidhlig bho Scottis gu "Erse" (agus sin a' ciallachadh Èireannach). Chleachdadh "Scottis" bhon uair sin mar ainm airson buidhinn de [[dual-chainnt|dhual-chainntean]] a dh' fhàs bho Bheurla Meadhan Aoisean (Middle English) a bha ga bruidhinn am broinn [[Rìoghachd na h-Alba]]). Chruthaich sin sgaradh eadar na daoine ann an Alba aig an àm agus chunnacas na Gàidheil mar sluagh chèin.
 
[[Faidhle:Sgurr alasdair.jpg|thumb|left|320px|Sgùrr Alasdair, a' bheinn as àirde san Eilean Sgitheanach. Tha iomadh beinn ann an Alba air a bheil ainm GaidhligGàidhlig.]]
Chrìon an cànan gu mòr le sgiùrsadh nan GaidhealGàidheal an dèidh [[Blàr Chuil Lodair]] an [[1746]]. Air sgàth 's gun do dh' fhàs na Cinn Cinnidh nan uachdarain às dèidh Blàir Chuil Lodair, dh' fhàs sgaradh eadar na daoine agus na h-uaislean. Bha na uaislean a' measgachadh le muinntir an Deas, a' bruidhinn Beurla agus ghabh iad thairis cleachdaidhean Gallda. Mar sin chaidh iad an ceangail ri muinntir na Gàidhealtachd a dh'fhàs bochd. Chuir an ''[[Scottish Society for the Propagation of Christian Knowledge]]'' (SSPCK) sgoiltean air a' Ghàidhealtachd gus cur às do cleachdaidhean Gàidhealach agus cànan nan Gàidheal. Bha iad den bheachd gun robh sin a' leasachadh muinntir na Gàidhealtachd. Bhon a sin bha droch inbhe aig a' Ghàidhlig, oir cha robh ach na daoine bochda ga bruidhinn, agus na daoine cumhachdail a' bruidhinn na Beurla. San 19mh linn bha àireamh nan daoine agus le sin an luchd-labhairt a' crìonadh gu luath air sgàth [[Fuadach nan Gàidheal|Fuadaichean na GaidhealtachdGàidhealtachd]].
 
B’ e cunntas-sluaigh [[1891]] a’ chiad fhear a chunnt àireamh luchd-bruidhinn na Gàidhlig, agus chaidh 210,000 a chlàradh ann an Alba aig an àm sin. Ach bha imrich air falbh bhon Ghàidhealtachd, foghlam sa Bheurla agus buaidh nam meadhanan Gallda a’ ciallachadh gun robh a’ Ghàidhlig a’ sìor-chrìonadh tron fhicheadamh linn. Sa chunntas-sluaigh ann an [[1991]], cha robh ach 65,000 air an clàradh mar luchd-bruidhinn na Gàidhlig, an treas cuid de na bha ann ceud bliadhna ma bu tràithe.