An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Alasdair mac Mhaighstir Alasdair"

Content deleted Content added
→‎Ceanglaichean a-mach: ceangal-lìn don Uicitobar aige
→‎Bhliadhna Theàrlaich: ceangal gu Àrasaig
Loidhne 23:
 
=== Bhliadhna Theàrlaich ===
Ann an 1745 chuir Alasdair a chùl ri teagasg agus rinn e air [[Gleann Fhionghain]] far an do chuir [[Teàrlach_Eideard_Stiùbhairt|Teàrlach Òg Stiùbhairt]] a bhratach ri crann. 'S ann mun àm sin no beagan roimhe a bha Alasdair air tionndadh ri [[Eaglais Chaitligeach|Eaglais na Ròimhe]] agus ghabh e ri arm a' Phrionnsa mar oifigear an rèisimeid Raghnaill Òig, [[Mac Mhic Ailein]]. Rinn e tòrr òran brosnachaidh [[na Seumasaich|Seumasach]] mun àm seo, leithid 'Òran nam Fineachan', 'Brosnachadh nam Fineachan', '[http://www.bbc.co.uk/alba/foghlam/larachnambard/poets/alasdair_mma/bardachd/index2.shtml#analysis_links_patch Òran don Phrionnsa Teàrlach] ('O hi ri rì, tha e tighinn') agus 'Clò Mhic 'Ille Mhìcheil', agus [[aoir]] air luchd-taice Rìghrean [[Taigh Rìoghail Hanobhair|Hanòbhair]]. Tha cuid a' creidsinn gur e a sgrìobh tràchdas anns a' Bheurla a nochd gun urra goirid as dèidh [[Blàr_Chùil_LodairBlàr Chùil Lodair|Bhlàr Chùil- Lodair]] ag innse stòiridh [[Prionnsa Teàrlach Stiùbhart#Bliadhna a' Phrionnsa|Bhliadhna Theàrlaich]] tro shùilean 'Oifigich Ghàidhealaich' an arm a' Phrionnsa.
 
As dèidh [[Blàr Chùil Lodair|Bhlàr Chùil Lodair]] bha Alasdair agus a bhean fon choill; tha beul-aithris ag innse gun robh Sìne trom aig an àm. Mu dheireadh fhuair Alasdair seilbh air [[baile fearainn]] aig Eigneig ann am [[Mùideart]] agus rinneadh na bhàillidh e air [[Canaigh|Eilean Chanaigh]], a bha cuideachd na phàirt de dh'oighreachd Chlann Raghnaill.
Loidhne 29:
Dh'fhoillsich Alasdair a bhàrdachd fon tiotal ''Aiseirigh na Seann Chanoin Albannaich'' ann an 1751. Bha iomadach diofar stoidhle na chomas, bho òrain-ghaoil bhlàth leithid '[http://www.bbc.co.uk/alba/foghlam/larachnambard/poets/alasdair_mma/bardachd/index3.shtml#analysis_links_patch Moladh Mòraig]' gu bàrdachd mionaideach mu nàdar leithid 'An Samhradh' agus 'An Geamhradh'. Sgrìobhadh e aoir ghoirid sgaiteach a cheart cho math ri dàin mhòra ghaisgeil leithid 'Bìrlinn Chlann Raghnaill'.
 
Bhàsaich Alasdair ann an Sanndaig ann an [[Àrasaig]] agus tha e air a thìodhlaigeadh ann an seann chladh Chille Mhuire an sin.
 
[[Faidhle:A tomb in MacDufie's Chapel, Oronsay, 1772 (cropped).png|340px|right|thumb|'S e 'Birlinn Chlann Raghnaill' aon de na dàintean as ainmeile le Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair]]