An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Nimíipuu"

Content deleted Content added
beagan ceartachaidh, tha an aiste a' coimhead glè mhath
b mearachd litreachaidh
Loidhne 6:
 
== Ruaig nan Nimíipuu ==
Ri 19mh linn, thàinig tuinichean geala do dhùthaich nan Nimíipuu. Bha feadhainn ag iarraidh tuathanas a dhèanamh air an talamh torramhtorrach agus bha duine eile ag iarraidh oir a thochladh. Cha robh an ùghdarras poblach a’ cur casaid às leth nan tuinichean a rinn eucoir air na Nimíipuu. Ann an 1877, thionndaidh corra dhuine òga Nimíipuu gu ainneart, muirt nan càirdean a dhìoghladh air an nàimhdean. Thàinig air 750 Nimíipuu a theich. Rinn iad corr math is mìle mìltean, tro Idaho, [[Wyoming]], agus [[Montana]]; bha aca a shabaid ris an armailt gu tric, aig ''White Bird Canyon'', ''Camas Meadows'', agus am ''Big Hole''. Bha iad ag iarraidh fuireach còmhla ris na [[Apsáalooke]] (“Crow” sa Bheurla), gnàth-mhuinntir Mhontana, ach cha b’ urrainn dhaibh oir bha feagal air na Apsáalooke ro pheanas an ùghdarrais Aimeireagach. Lorg na fògarraich Nimíipuu tèarmann còmhla ri Sitting Bull agus na Lakȟóta (“''Sioux''” sa Bheurla) ann an Canada, ach chaill iad Blàr Mhonaidh Bear Paw faisg air a' chrìoch [[Canada|Canadach]]. Theich White Bird, ceann-feachd Nimíipuu, agus feadhainn eile do Chanada an dèidh sin, ach ghèill na cinn-fheachd eile don t-seanarail Aimeireagach, Nelson A. Miles. Tha an òraid liubhairt a rinn aonar dhiubh, Chief Joseph, ainmeil fhathast.
 
Ged a gheall an seanarail gum b’ urrainn don Nimíipuu tilleadh don dùthaich aca, cha do leig an t-ùghdarras Aimeireagach. B’ fheudar dhen Nimíipuu fuireach ann an [[Oklahoma]]; chaochail mòran duine leis an acras is an galar.