An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Àiteachas"

Content deleted Content added
b →‎Àiteachas agus Croitearachd: All info is kept in Wikidata, removed: {{Link GA|tt}} using AWB (10903)
No edit summary
Loidhne 4:
 
Tha '''àiteachas''' na bhunait do iomadh feumalachdan caochlaideach, an dà chuid biadh agus eu-biadh. Tha toraidhean eu-biadhachd coltach ri cotan, diut agus rubair, ana-cudromach an cuid tiribh, ach ann an Alba tha prìomhachas aig biadh agus chan eil mòran luach anns na toraidhean eu-biadhachd, coltach ri cloimhe agus bian no seiche.
 
Tha àiteachas eu-coltach ri gnìomhachasan eile ann an iomadh dòigh. Tha gnìomhacasan seirbhis a' cruthachadh thoraidhean nach eil riatanach ri beatha. Nì carbadan agus àirneis beatha nas comhfhurtail, ach faodaidh daoine a bhi beò às an aonais. Chan urrainn dhuinn a bhi beò as aonais biadh. Is ann mar sin a tha àiteachas an gnìomhachas a bu chudthromaiche air feadh an t-saoghail agus tha e a' tarraing an uimhir riaghaltasan dha fhèin. Is gann gu bheil dùthaich san t-saoghal às aonais ministireachd airson àiteachas, ged a bhitheas gach gnìomhachas eile a' tighinn còmhla fo aire aon mhinistearachd a-mhàin.
 
Line 10 ⟶ 11:
Tha àiteachas na phàirt cudthromach de [[croitearachd|chroitearachd]] air taobh Sear na Gaidhealtachd, mar eisimpleir anns an Eilean Ghoirid, far a bheil croitean cho mòr ri 30 acair a' geilleadh [[cruithneach]], [[eorna]] agus [[coirce]] ceart cho math 's a tha na tuathanasan air machair [[Siorramachd Naruinn]] beagan miltean dhan ear.
 
Chan eil mòran àitcheachas-croitearachd a' dol air taobh siar na dùthcha anns an latha an diugh, far a bheil an aimsir nas fliuch nan taobh Sear agus nas fliuch an diugh na bha e o chionn fichead bliadhna. A dh'aoindeoin sin, tha gairnealachd-croitearachd air tilleadh ris an [[Eilean Sgitheanach]], [[Ratharsair]] agus [[Loch Aillse]] rè an deichead a chaidh, agus Comunn/Companaidh Coimhearsnachd ga co-ordanadh agus ga bhrosnachadh.
 
Ged nach eil mòran chroitearan ri àiteachas anns an latha an diugh, is fheudar dhuinn aithneachadh gu bheil àiteachas riatanach do chroitearachd. Às aonais àiteachas cha b' urrainn do chroitearan a bheathaich an spreidh aca tron gheamhradh. Bha croitearan ri àiteachas air feadh nan sgirean croitearachd sìos ri na 1970an, is e ghiulan-bhathair saor, còmhla leis na beanntan-bhidhe a dh'èirich san roinn Eòrpa aig deireadh na 1970an a chuir às àiteachas-croitearachd air an taobh siar aig a' cheann thall, o chionn 's gun do dh'fhàs e nas saoire biadh-sprèidh a cheannach a-steach o sgìrean eile le aimsir agus fearann nas fhearr na bha e a bhith ga fàs aig an taigh. Tha cothrom (an 2008) gun tig a' chuibhle mun chuairt anns na beagan bliadhnachan a roimhainn.
Line 19 ⟶ 20:
* [[An Fhang]]
* [[Achd nan Croitearan]]
[[Link title]]
 
[[Roinn-seòrsa:Àiteachas|*]]