An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Achd na Croitearachd (1886)"

Content deleted Content added
→‎Leabhraichean: + ceangal gu Andy Wightman
Loidhne 42:
Chaidh am beachd seo a thogail a-rithist ann an Achd Chroitearachd (1976) anns an d’fhuair na croitearan cothrom a' chroit aca a cheannachd airson prìs 15 x am màl bliadhnail agus mar sin a bhith na neach-seilbh. Ach le seilbh air a' chroit chaill iad an còir air grantaichean CCAGS (''Crofting Counties Agricultural Grant Scheme''). Ann an [[Achd Ath-leasachaidh Fearainn (Alba) 2003]] chaidh còir ceannachd a thoirt do bhuidheann coimhearsnachd croitearachd eadhon an-aghaidh miann nan uachdarain airson leasachaidhean eaconomach is sòisealta a chur air adhart. Ann an Achd Chroitearachd 2010 chuirear co-ionnanachd do luchd-gabhaltais agus luchd-seilbh, gu h-àraidh a thaobh grantaichean agus dleastanasan agus chaidh soilleireachadh nas mionaidiche a chur seachad mu neo-làthaireachd. A-nise feumaidh an neach-gabhail no an neach-seilbh a bhith a' fuireach an taobh a-staigh 32 cileameatair bhon chroit. Le sin chaidh cothrom a chruthachadh croitean nach eil air an obrachadh ceart a thoirt seachad do luchd-gabhaltais ùr.
 
Le a bhith a' coimhead air ais ann an eachdraidh tha Hunter den bheachd gun do stèidhich an achd suidheachadh seann-fhasanta, suidheachadh gabhaltais eu-coltach ri Èirinn far an robh cothroman ann do na croitearan am fearann aca a cheannachd a rèir nan achdan "''Home rule''". Bha an achd gun buadhachd airson leasachadh a chur ri àiteachais agus nach do ghabh i a-steach beachdan poileataigeach is sòisealta. <ref>Hunter: ''The making of the crofting community.'' 1976, d. 283</ref>
Ach a rèir [[Andy Wightman|Wightman]] tha Achd na Croitearachd (1886) a' sealltainn an rathaid gu ath-leasachaidhean an fhearainn ann an Alba, ged nach robh buaidh aice ach air a' Ghàidhealtachd. Chan eil fuasgladh do cheist an fhearainn ann gus an latha an-diugh air sgàth ’s gu bheil 2/3 de dh’Alba ann an làimh de 1.252 uachdaran a-mach à sluaigh de 5 millean Albannaich. (àireamheanÀireamhan à 2000). <ref>Wightman: ''Scotland: Land and Power.'' 2000, d. 23-29</ref>
 
== Tùsan ==