An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Coinneach Odhar"

Content deleted Content added
No edit summary
→‎Coinneach Odhar: ceangal agus beagan de sgioblachadh
Loidhne 41:
"Rugadh an duine chum carraid mar a dh'èireas na sradan suas", mar sin ag ràdh nach fheum duine fàidh airson innse gum bidh a' bheag no a' mhòr de dhoilgheasan aig gach duine. Ach tha e duilich a thuigsinn ciamar a bha an fhàisneachd seo cho leanmhainneach a thaobh teaghlach Bhrathainn.
 
Bha an Triath mu dheireadh a bh' ann an Cinn t-Sàile bodhar tro thinneas na òige, ach ged a bha e caran liotach, cha robh e balbh. Bha fios aig Sir [[Walter Scott]] air an fhàisneachd, agus an deireadh làithean an Triatha seo bha e a' faicinn mar a bha suidheachadh an teaghlaich agus briathran na fàisneachd a' tighinn ri chèile.
 
An uair a chuala e mu a bhàs, sgrìobh e an cumha sin ris an abrar "Lament for the Last Seaforth", anns a bheil e ag ràdh, an dèidh iomradh a dhèanamh air gach trioblaid a thàinig air Ceann-cinnidh Chloinn Choinnich:
 
:"Of the line of MacKenneth remains not a male
:To bear the proud name of High Chief of Kintail."
 
Chaochail triùir mhac an Triatha seo roimhe fhèin. B' èiginn dha le cion airgid oighreachd Chinn Tàile a reic, agus an dèidh a bhàis reiceadh Eilean Leòdhais, agus oighreachdan eile a bhuineadh don teaghlach.
 
Line 67 ⟶ 68:
Thug e iomradh air an adhartas a thigeadh air obair an lighiche ann a bhith leigheis euslainte. Thuirt e mu thobraichean Srath Pheofharain, "Thig an là an uair a bhios glas is iuchair air na h-uisgeachan searbha so, agus bithidh sluagh a' tighinn às gach àite gan òl."
 
Dh'innis e gum bitheadh bàtaichean a' seòladh bho cheann gu ceann de Ghleann Mòr na h-Alba. Chunnaic e an là a bhiodh glas is iuchair air Tom na h-Iubhraich, agus tha fhios gu bheil an cnoc bòidheach sin a-nis na àite adhlacaidh ro thlachmhorthlachdmhor.
 
Tha iad a' creidsinn gun d' rinn e fàisneachd mu Bhlàr Chùil Lodair. "O, Dhruim Athaisidh, tha mi a' faicinn latha air am bidh do raointean dearg le fuil uasal laoch nan gleann."
Line 88 ⟶ 89:
 
Biodh a' [[Gàidhlig|Ghàidhlig]] measail agaibh, agus bithibh an-còmhnaidh dìleas do chànain bhur sinnsire, ach aig an aon àm thoiribh an làn aire don Bheurla. Tron Ghàidhlig thèid agaibh air a' Bheurla a labhairt nas ceòlmhoire agus a tuigsinn nas fheàrr.
 
== Ceanglaichean a-mach ==
* [[Ruairidh MacIlleathain]]: [http://learngaelic.net/litir/eachdraidh.jsp?l=683 Coinneach Odhar Fiosaiche - Pàirt 1 (683)]
 
[[Roinn-seòrsa:Alba]]