An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "An t-Urramach Jack MacArtair"

Content deleted Content added
No edit summary
+ rs
Loidhne 5:
Chuir Jack ùidh mhór ann am poileataigs fhad ’s a bha e aig [[Oilthigh Ghlaschu]] agus bha e ’na cheann-suidhe air an University Union. Bha e co-aimsireil ri [[Dòmhnall Mac an Deòir]] agus [[Iain Mac a' Ghobhainn (ceannard a' Phartaidh Làbaraich)|Iain Mac a’ Ghobhainn]], dithis a chaidh air adhart gu àrd-chliù sa [[Partaidh Làbarach|Phartaidh Làbarach]].
 
Thòisich e a mhinistreaileachd ann an Eaglais na h-Alba aig [[Ceann Loch Biorbhaidh]] ann an [[Cataibh]] ann an 1966. Nuair a dh’fhulaing cailleach sa pharaiste stròc san dòigh nach b’urrainnb’ urrainn dhi ach a cànan dùchasach, a’ Ghàidhlig, a labhairt, thug e buaidh mhór air gu spioradail gun robh e comasach bhith ag ùrnaigh còmhla rithe, agus dhaighnichdhaingnich seo a dhealasachd gus taic a thoirt don chànan. Chaidh e ’na chomhairliche aig a’ ''County Council'', agus bha e ’na cheannard air comataidh an fhoghlaim mus do ghluais e ann an 1971 gu [[Carlabhagh]] ann an Leòdhas.
 
Bha e ’na bhall de [[Comhairle nan Eilean Siar]] nuair a chaidh a’ chomhairle ùr seo a stéidheachadh ann an 1974. A-rithist, bha e ’na cheannard air comataidh an fhoghlaim an sin, agus bhrosnaich e am polasaidh ùr foghlaim dà-chànanach a thug teagasg tron Ghàidhlig a-steach do na sgoiltean, ann an cuid de chuspairean.
 
Ghluais e gu bhith ’na mhinistear san [[An t-Àth Leathann|Àth Leathann]] san [[An t-Eilean Sgitheanach|Eilean Sgitheanach]] ann an 1979. Cha b’fhadab' fhada gus an deach a thaghadh, le cuibhreann mór mór de na bhòtaichean, gu Comhairle na Gàidhealtachd, agus bha e gu luath ’na cheannard air comataidh an fhoghlaim. Bha e ’na bhall den bhuidhein a dheasach an aithisg chudromach ''Cor na Gàidhlig'' ann an 1982. Fad dà bhliadhna bha e ’na cheann-suidhe air Biùro Eòrpach nam Mion Chànan.
 
Às déidh deich bliadhna san Eilean Sgitheanach, ghabh e ri gairm gu [[Eaglais Chaluim Chille (Glaschu)|Eaglais Chaluim Chille]] ann an Glaschu, far an robh e gus an do leig dheth a dhreuchd air sgàth droch-shlàinte ann an 1996. Chaochail e ann an [[Glaschu]] air 9 an Dùbhlachd 2002.
Loidhne 17:
* [http://www.scotsman.com/news/obituaries/rev-jack-macarthur-1-632722 Scotsman: Rev Jack MacArthur - sgeul bàis 2002-12-12] ''(Beurla)''
* [http://www.heraldscotland.com/news/11908689.Champion_of_Gaelic_whose_personal_skills_helped_build_an_effective_ministry/ Herald: Rev Jack MacArthur - sgeul bàis 2002-12-13] ''(Beurla)''
 
[[Roinn-seòrsa:Albannaich]]
[[Roinn-seòrsa:Creideamh]]