An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Patran a' phòsaidh na Roinne Eòrpa an Iar"

Content deleted Content added
 
Loidhne 37:
 
==Atharrachadh roinneil air an Roinn-Eòrpa an Iar==
Far an robh mu thuairme 8 sa' cheud nam ban neo-phòsta sa' mheadhan an linn 16mh air Sasainn, bhitheadh an t-oidheam gun robh an t-àireamh sa' cheud an aon uiread no na b' lugha na anns na h-iomadaidh linntean roimhe;<ref>Hanawalt, p. 98-100</ref> nochdadh pòsadh ann an [[Sasainn meadhan-aoiseach]] a bhith 'na stèidheachadh làidir far an do phòs tuilleadh na 90% nam ban agus bha mu thuairmse 70% nam ban eadar na h-aoisean 15 is 50 bliadhna pòsta aig uair air bhith fhad 's gun robh na 30 eile assa' cheud neo-phòsta no 'nam banntraich.<ref name="cairn.info">Palm Lennart, Schott Raphaëlle, ''Le changement caché du système démographique suédois à "l'Époque de la Grandeur".'', Annales de démographie historique 2/ 2001 (no 102), p. 141-172 [www.cairn.info/revue-annales-de-demographie-historique-2001-2-page-141.htm]</ref> San t-[[Siorrachd Eabhraig]] sna linntean 14mh agus 15mh, bha a' chuid a b' motha nam [[Banais|ban na bainnse]] eadar 18 agus 22 bliadhna a dh'aois agus bha an aois nam fear na bainnse coltach; bha comhair aig mnathan dùthchaile na t-Siorrachd Eabhraig a phòsadh 'nam fadalach-deugan ri moch-ficheadan fad 's gun do phòs na mnathan bailteile 'nam moch-ficheadan is meadhan-ficheadan. 'San linn 15mh, bha a' bhean na bainnse chuibheasach Eadailteach 18 bliadhna a dh'aois is phòsadh i ri fear na bainnse 10–12 bliadhnaichean na b' sine na i. Chìtheadh ban-[[Toscana|Thusgaineach]] neo-phòsta 21 bliadhnaichean a dh'aois seachad na h-[[Aois pòsaidh|aoise-pòsaidh]], an comharra-measaidh a bha 19 bliadhnaichean, agus bha gu furasta 97 sa' cheud nam ban-[[Firenze|Fhloireansaich]] phòsda mus an aois 25 bliadhna fad 's gun robh 21 bliadhna an aois chuibheasach mhnà na bainnse Sasannaiche cho-aimsireil.<ref>Philips, Kim M. 2003. Medieval Maidens: Young Women and Gender in England, C.1270-c.1540. Manchester University Press. Pg 37</ref><ref>De Moor, Tine and Jan Luiten van Zanden. 2009. [http://onlinelibrary.wiley.com/doi/10.1111/j.1468-0289.2009.00483.x/full Girl power: the European marriage pattern and labour markets in the North Sea region in the late medieval and early modern period]. Wiley Online Library. p 17</ref>
 
Fad 's gun robh an aois chuibheasach aig a' chiad phòsadh air a h-èirigh ri 25 bliadhna airson ban is 27 bliadhna airson fir air Sasann agus [[na Tìrean Ìsle]] mus an deireadh an linn 16mh,<ref>De Moor, Tine and Jan Luiten van Zanden. 2009. p 17</ref> agus dh'èirich an àireamh sa' cheud nam ban-Sasannaich neo-phòsta à na b' lugha na 10% ri gu beagnaich 20% mus am meadhan an linn 17mh agus dh'èirich an aois chuibheasach aig a' chiad phòsadh ri 26 bliadhna aig a' cheart àm,<ref>David Cressy. Birth, Marriage, and Death : Ritual, Religion, and the Life-Cycle in Tudor and Stuart England. Oxford University Press, 29 May 1997. Pg 285</ref> a dh'aindeoin chùis bha ann atharrachadh roinneil mòr air a' Bhreatann leatha fhèin; fad 's gun cunnaic a' Ghalldachd patranan coltach ri Sasann, le mnathan pòsta 'nam meadhan-fhicheadan an dèidh ùine cuideachadh-teaghlaich, ciallaichidh an ìre-bhreithean àrd na Gàidhealtachd agus nan [[Na h-Innse Gall|Innse Gall]] aois na b' ìsle phòsaidh airson na mnà na bainnse, comasach coltach ri [[Èirinn Ghàidhealach]],<ref>A. Lawrence, "Women in the British Isles in the sixteenth century", in R. Tittler and N. Jones, eds, ''A Companion to Tudor Britain'' (Oxford: Blackwell John Wiley & Sons, 2008), ISBN 1405137401, p. 384.</ref> far an do dh'aithris [[Am Fèinneachas]] gun d' ràinig mnathan an aois pòsaidh laghail aig an aois 15 bliadhna agus gun d'ràinig fir an aois pòsaidh aig an aois 18 bliadhna<ref>Ginnell, Laurence (1894). ''The Brehon Laws: A Legal Handbook: Chapter I''. p 217</ref>. Gu coltach, eadar 1620 is 1690 bha an aois chuibheasach aig a' chiad phòsadh airson [[An t-Suain|ban-Shuainich]] mu thuairmse 20 bliadhna, bha mu thuairmse 70% nam ban eadar na h-aoisean 15 is 50 bliadhna pòsta aig uair air bith, agus bha an àireamh sa' cheud nam ban neo-phòsta na b' lugha na 10%, ach mus an deireadh an linn 18mh bha i air a h-èirigh ri mu thuairmse 27 bliadhna agus mhair i àrd leis an ìre na t-seasganachd mar a' bhuil an lùghdachaidh nan ìrean na bàsmhorachd leanaban, an lùghdachadh gortan, lùghdachadh tìre agus stòrasan airson sluaigh [[tar-sluaigheachd|chinneachdaich]], agus adhbharan eile.<ref>Palm Lennart, Schott Raphaëlle, ''Le changement caché du système démographique suédois à "l'Époque de la Grandeur".'', Annales de démographie historique 2/ 2001 (no 102), p. 141-172 <www.cairn.info/revue-annales-de-demographie-historique-2001-2-page-141.htm.></ref>Gu coltach, bha an aois chuibheasach aig a' chiad phòsadh na h-Èireann an 1830 23.8 bliadhna airson ban agus 27.47 airson fir far an robh iad aon uair 21 is 25 bliadhna, fa leth, agus cha do dh'fhan ach mu thuairmse 10% nan inbheach neo-phòsta;<ref>Lee, Joseph J. 2008. <nowiki>''The Modernization of Irish Society, 1848–1918''</nowiki>. Pg. 3.</ref> an 1840, bha iad air an èirigh fa leth ri 24.4 agus 27.7 bliadhna;<ref>Mokyr, Joel. 2013. Why Ireland Starved: A Quantitative and Analytical History of the Irish Economy, 1800–1850. Routledge Press. Pg. 72.</ref><ref>O'Neill, Kevin. 2003. <nowiki>''</nowiki>Family and Farm in Pre-Famine Ireland: The Parish of Killashandra<nowiki>''</nowiki>. University of Wisconsin Press. Pg. 180.</ref> agus anns na deicheadan an dèidh a' Ghort Mhòr, bha an aois chuibheasach phòsadh air a h-èirigh ri 28–29 bliadhna airson ban agus 33 airson fir agus cha do phòs cho mòr ri trian Èirinnich is cairteal ban-Èirinnich a-riamh airson nan duilgheadas ionmhasail tiom-chuairteach gun do mhì-mhìsnich pòsadh moch.<ref>Nolan, Janet. 1986. <nowiki>''</nowiki>Ourselves Alone: Women's Emigration from Ireland, 1885–1920<nowiki>''</nowiki>. University Press of Kentucky. Pg. 74–75</ref>