An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Belisario Betancur Cuartas"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 17:
|pàrtaidh=[[Faidhle: Part.conservador.png|22px]] [[Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia]]
|alma_mater=[[Universidad Pontificia Bolivariana]]
|ceaird=Fear-[[Neach-poileataigs]], fear-[[lagh|lagha]]
|creideamh=[[Eaglais Chaitligeach|Caitligeach]]
|ainm_scriobhte=
|notes=
}}
'S e fear-[[lagh|lagha]], riochdaire dioplòmasach agus fear-[[neach-poileataigs]] à [[Coloimbia]] th’ ann am '''Belisario Antonio Betancur Cuartas ''' ([[Amagá]], [[4 an Gearran]] [[1923]]).<ref>[http://www.banrepcultural.org/blaavirtual/biografias/belisario-betancur Banrepcultural]</ref> Bha e na cheann-suidhe Choloimbia bho [[7 an Lùnastal]] [[1982]] gu [[7 an Lùnastal]] [[1986]].<ref>[http://wsp.presidencia.gov.co/asiescolombia/presidentes/rc_63.html Presidencia de Colombia]</ref> 'S ann do [[Teaghlach|theaghlach]] beairteach a bhuineas e.<ref>[http://www.genealogiacolombiana.com/doc/1%20pres/1.23.2.pdf Genealogía Colombiana]</ref> Chaidh e dhan [[Universidad Pontificia Bolivariana|Oilthigh Bholivariana]]. Phòs e aig Rosa Helena Álvarez Yepes, à [[Medellín]], ann an [[1945]] agus rug i triùir duine-cloinne dha.<ref>[http://www.eltiempo.com/archivo/documento/MAM-742742 El Tiempo]</ref> Bha ise dìreach 21 bliadhna a dh'aois aig an àm. Chaochail i ann an [[1998]]. Phòs Betancur a-rithist ann an [[2000]] aig Dalia Rafaela Navarro Palmar.
 
Thoisich e ann am Poileataigs mar chomhairliche ann an Antioquia eadar [[1945]] agus [[1947]].<ref>[http://www.asia-abba.org/documentos/destacados/Roberto_Urdaneta_Arbelaez.pdf Asia]</ref> Bha tòrr eòlasan aig san Riaghaltas: bha e na Mhinistear an Fhoghlaim fo [[Alberto Lleras Camargo]] fad corra mìos ann an [[1960]]: na mhinistear na h-Obrach fo [[Guillermo León Valencia|Ghuillermo León Valencia]] bho [[1962]] gu [[1963]].<ref>Gobernantes Colombianos, Ignacio Arismendi Posada, Interprint Editors Ltd., Italgraf, Segunda Edición, Bogotá, Colombia, [[1983]]</ref> A bharrachd air sin, chuir e seachad dà bhliadhna thall thairis na thosgaire san [[An Spàinn|Spàinn]], bho [[1975]] gu [[1977]]. B' esan an aon bhall-chruinneachaidh a thug taic do [[Mariano Ospina Pérez|Mhariano Ospina Pérez]] an aghaidh [[Gustavo Rojas Pinilla|Ghustavo Rojas Pinilla]]. Bha e na thagriache neo-oifigeil an aghaigh [[Misael Pastrana Borrero|Mhisael Pastrana Borrero]] ann an [[1970]], ach chaill e.