An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Greta Garbo"

Content deleted Content added
No edit summary
b Deasachaidhean a chaidh a thilleadh leis 194.83.172.71 (an deasbaireachd) dhan mhùthadh mu dheireadh le Sionnach
Loidhne 1:
[[Faidhle:RH Louise Garbo2.jpg|thumb|right|200px|Garbo mu 1930]]
B' e [[actair]] nam film às [[an t-Suain]] a bh' ann an '''Greta Garbo''' air neo '''Greta Lovisa Gustafson''' ([[IPA]]: ''gre:ˈta lʊˈvi:ˈsa ˈgɵstafˈsɔn'', [[Stockholm]], [[18 an t-Sultain]] [[1905]] - [[Eabhraig Nuadh (baile)|Eabhraig Nuadh]], [[15 an Giblean]] [[1990]]).<ref>[http://www.imdb.com/name/nm0001256/ IMDB]</ref> B' e nighean Anna Lovisa agus Karl Alfred Gustafsson a bh' innte. B' e daoine gu math bochd a bh' annta: bha a h-[[athair]] na neach-obrach is bha a [[màthair]] ag obair ann an taigh-ghnìomhachais. Chuir an [[teaghlach]] seachad bliadhnaichean a' fuireach còmhla ann am flat beag suarach aig Blekingegatan 32, ann an ceann a deas Stockholm. Bha Garbo caran fiata diùid. Cha do chòrd an sgoil rithe idir. Chaochail a piuthar Alva Maria ann an [[1926]] nuair a bha Garbo dìreach 21. Bha [[bràthair]] aice cuideachd, a chaochail ann an [[1967]].
 
Chuir Garbo seachad na bliadhnaichean bho [[1922]] gu ruige [[1924]] na oileanach san ''Kungliga Dramatiska Teatern'' (air neo dìreach ''Dramaten''), còmhla ri [[Vera Schmiterlöw]].<ref>[http://sverigesradio.se/sida/artikel.aspx?programid=83&artikel=750752 Sveriges Radio]</ref> Bha an dithis nan deagh charaidean fad am beatha. An dèidh na Sgoile Dhràma fhàgail rinn a' chiad fhilm aice, ''Gösta Berlings saga'', stèidhichte air an nobhail a sgrìobh [[Selma Lagerlöf]].<ref>[http://www.sfi.se/sv/svensk-filmdatabas/Item/?type=MOVIE&itemid=3567 Svensk Filmdatbas]</ref> Chaidh i chun na [[A' Ghearmailt|Gearmailt]] far an robh i fad bliadhna. Dh' fhilmich i ''Die freudlose Gasse'' an suid.<ref>[http://www.filmportal.de/film/die-freudlose-gasse_17a8fe1e12c14e61a74fe11625a79f38 Filmportal Deutschland]</ref> Dh' fhàg ise an [[Roinn-Eòrpa]] airson nan [[Na Stàitean Aonaichte|Stàitean Aonaichte]], far an robh gus a bhàsaich i. Bha i uabhasach fhèin soirbheachail anns na filmichean gun ghuth. Aig àm [[Cogadh|a' Chogaidh]] chuidich i ri beatha nan [[Iùdhachd|Iùdhach]] san [[An Danmhairg|Danmhairg]] a shàbhaladh.<ref>Brett, D., ([[2013]]), Greta Garbo: Divine Star, [[Lunnainn]], Robson Press.</ref>