An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Anna Maria Lenngren"

Content deleted Content added
No edit summary
b Deasachaidhean a chaidh a thilleadh leis 194.83.172.71 (an deasbaireachd) dhan mhùthadh mu dheireadh le Sionnach
Loidhne 13:
 
==Beatha==
B' e nighean a’ [[Bàrd|bhàird]] Magnus Brynolfsson Malmstedt agus a bhean Märta Johanna Florin a bh' innte. Buineadh Lenngren do [[teaghlach|theaghlach]] gu math cùramach creideamhach.<ref>Blanck, Anton ([[1961]]). Anna Maria Lenngren. Svenska författare, 99-0158538-4, Stockholm: Natur & Kultur. Libris 8072998</ref> Bha a h-[[athair]] na bhall an [[Eaglais Mhorabhianach]] agus chuireadh a pàrantan na sailm sa chlò. A dh’aindeoin seo, thogadh ise faisg air [[Oilthigh Uppsala]], far an robh a h-athair na ollamh [[Laideann|Laidinn]], aig àm [[Soillseachadh|an t-Soillseachaidh]] agus fhuair Lenngren beachdan eile mu dheidhinn chreideimh. Chaidh ise agus a [[bràthair]] an aghaidh sin. Sgrìobh esan [[bàrdachd]] neo-eaglaiseach.
 
Ann an [[1780]] phòs i aig Carl Peter Lenngren, a bha na dheasaiche sa Stockholms-Posten, [[pàipear-naidheachd]] a bha uabhasach fhèin cudromach aig an àm.<ref>Silén, Daniela (2007). Rolldiktaren och ironikern Anna Maria Lenngren. Meddelanden från Avdelningen för nordisk litteratur, Nordica, Helsingfors universitet, 1457-182X ; 17. Helsingfors: Nordica, Helsingfors univ. Libris 10591419. ISBN 978-952-10-4066-5</ref> Thug na sgrìobh Quintus Horatius Flaccus buaidh làidir oirre agus b' ann air stuth mar sgrìobh esan a thoisich i.<ref>Leijonhufvud, Sigrid ([[1904]]). Anna Maria Lenngren. Föreningen Heimdals folkskrifter, 99-1250994-3 ; 82. Stockholm: Norstedt. Libris 1555420</ref> Cha do chuir i càil sa chlò fon ainm aice fhèin ach ann an [[1778]]: ''På mademoiselle Anna Lovisa Pahls saliga hemfärds dag, den 14 Maji 1772, die Corona''. B' e rìgh na Suaine fhèin a choimiseanaich i ri a chur ''Lucile'' gu Suainis, a' chiad turas a thachair sin. Fhuair i duais agus coimiseanan eile às a dhèidh.