An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Kitty NicLeòid"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 13:
B' ann an Dùn Èideann ann an 1935 a choisinn Kitty a' chiad Bonn Òir aig Mòd ionadail. Choisinn i am [[Bonn Òir a' Chomuinn Ghaidhealaich|Bonn Òir]] aig Mòd Inbhir Nis ann an 1936.
 
An dèidh sin bha Kitty a' seinn air feadh Bhreatainn, an àiteachan mar Lunnainn is Manchester, Obar Dheathain agus Dùn Èideann, còmhla ri cuid de phrìomh sheinneadairean an latha, leithid Coinneach MacRath agus Ailean MacIllEathain, Mairead NicDhonnchaidh agus Mairead NicAonghais. Ach cha b' e an stoidhle seinn a bha fasanta aig an àm as an robh ùidh aig Kitty. B' fheàrr leatha òrain a bhuineadh dhan fhìor dhualchas. Bha i air mòran òran ionnsachadh bho a màthair agus bho [[piuthairpiuthar-màthar|piuthairpiuthar a' mhàthar]] agus bho charaidean ann am Barraigh. A dh'aindeoin an fhèill a bha oirre, agus a dh'aindeoin a bhith gabhail pàirt ann an fìolmaichean leithid Rob Roy, sguir Kitty a sheinn air àrd-ùrlar.
 
Bho àm gu àm thairis air bliadhnaichean chlàr i òrain do Pharlaphone, dhan [[BBC|BhBC]], do [[Sgoil Eòlais na h-Alba]] agus do Ghaelfonn. Ann an 1943, chaidh a clàradh airson a' phrògram TBh 'The Western Isles'.