An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Mariano Ospina Pérez"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 48:
== Teaghlach agus Foghlam ==
 
‘S e mac Tulio Ospina Vásquez agus Ana Rosa Pérez Puerta a bh’ann, is mar sin ‘s e ball fear dhe na teaghlaichean na bu chudromaiche ann an Saoghal a’ Phoileataigs aig ìre nàiseanta bh’ann co-dhiù: bha dithis sheann cheann-suidhe na dùthcha anns an teaghlach sin, a sheanair [[Mariano Ospina Rodríguez]] agus [[bràthair -athar]] [[Pedro Nel Ospina Vásquez]]. Phòs e Bertha Hernández de Ospina, a bha a measg na chiad mnathan a fhuair àite anns an t-Seanaidh.
 
Fhuair e a chuid fhoghlaim aig an Sgoil San Ignacio de Loyola ann am Medellín, is an uair sin aig Colaiste na Mèinnean dhe Antioquia, far an tug e ceum mar innleadair na mèinnean ann an [[1914]]; rinn e turas fad dà bhliadhna agus fhuair e oideachas a bharrachd thall thairis anns an [[Louisiana]], [[Lunnainn]] agus [[Paris]], far an do rinn e cùrsa neo dhà mu dheidhinn gnothaichean an [[siùcar|siùcair]], [[Eaconomachd]], an caidreamh tionnsgalach, siostaman co-oibreachaidh, gnothaichean na mèinnean agus na rèilichean.