An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Simón Bolívar"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 27:
‘S e daoine chumhachdail bheairteach le freumhan ann an [[Dùthaich nam Basgach]] a bh’ ann a [[teaghlach|theaghlach]]. Fhuair iad an sloinneadh bhon a’ [[baile|bhaile]] bheag ris an canar [[Ziortza-Bolibar]], ann am Bizkaia. Ràinig iad A' Bheiniseala anns an [[16mh Linn]]. Bha oighreachdan mòra aca air feadh na [[Dùthaich|dùthcha]], tràillean agus mèinnean [[òr|òir]], [[Airgead|airgid]] agus [[copar|copair]] cuideachd. Cheannaich a sheannair tìotal uaisle ann an [[1728]].
 
‘S e cornailear a bh’ ann [[athair]], Juan Vicente Bolívar y Ponte. Bhuineadh a [[màthair|mhàthair]], María de la Concepción Palacios y Blanco, do theaghlach beairteach. Thogadh e ann an Caracas aig [[taigh]] Shimón Rodríguez, o chionns gun do bhàsaich athair nuair a bha Bolívar dìreach 2½ [[bliadhna]] a dh’aois, is a mhàthair nuair a bha e naoi. Bha e dlùth air Hipólita, tràill dhubh is i ga thogail an àite a phàrantan mairbh. Bha triùir peathraichean is [[bràthair]] na bu mhotha aige, Juan Vicente, María Antonia, Juana agus María del Carmen. Bhàsaich an tè mu dheireadh na leanabas. Thug Hipólita agus Simón Rodríguez buaidh mhòr air, is fhuair e na beachdan poiliteagach aige bhon fhear sin.
 
Fhuair e a chuid [[foghlam|fhoghlaim]] bho sreath dhe oidean is [[neach-teagaisg|tìdsearan]] ainmeil anns an dùthaich aige. Nuair a bha e 14 bliadhna a dh’aois chaidh e dhan sgoil saighdearachd ''Milicias de Veraguas''. Bha athair air a bhith os cionn na sgoile sin o chion fhada is dh’ionnsaich e mòran a chleachd e anns na [[Cogadh|cogaidhean]] is iomairtean a rinn e an aghaidh na Spàinne. Choilean e a chuid fhoghlaim le turas gus [[An Roinn Eòrpa]] is thill e dhachaidh ann an [[1807]].