An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Dòmhnall Grannd"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 4:
 
== Beatha ==
Rugadh Dòmhnall Grannd air 25 am Faoilleach, 1903 ann an [[Camas Cros]], Slèite, anns an Eilean Sgitheanach. B’ esan am fear a bʼ òige den chlann aig Dòmhnall Grannd ''(Dòmhnall ʼic Dhòmhnaill ʼic Iain ʼic Dhòmhnaill)'' agus Cairistìona Nic aʼ Phearsain ''(Cairistìona Ghileasbaig [Ruaidh] Sheumais Chaluim, 1867-1919)''. Bha bràthaira aige[[bràthair|bhràthair]], Aonghas, agus piuthar, Catrìona. Nuair nach robh e ach trì bliadhna dʼ aois, chaochail a athair ann an Rouen san Fhraing an-dèidh dha fàs tinn aig muir le grèim mionaich. Ach rud a thug buaidh na bu mhotha air, bʼ e gun do bhàsaich a mhàthair nur a bha e 16 bliadhna d’ aois<ref>[[An Tuil (Duanaire)|An Tuil]], 1999, air a dheasachadh le [[Raghnall Mac Ille Dhuibh]]</ref>.
 
Chaidh e gu Bun-sgoil Dhuisdeil, an uair sin Àrd-sgoil [[Port Rìgh|Phort Rìgh]]. Bha e na oileanach aig [[Oilthigh Ghlaschu]] agus Colaiste Foghlaim Chnoc Iòrdain, far an do rinn e ceumannan MA agus Ed.B. An dèidh sin rinn e ceum BA aig Oilthigh Lunnainn. Bhuannaich e “Gorm” airson [[Camanachd]] aig Oilthigh Ghlaschu agus bha e ʼna chaiptean aig sgioba Ghlaschu an Eilein Sgitheanaich. Thòisich e a’ teagasg ann an 1926 aig Àrd-sgoil [[Ceann Loch Gilb|Cheann Loch Gilb]], agus an uair sin ann am bun-sgoiltean ann an Glaschu: Washington Street, Eastbank agus Broomhill. Ann an 1935 chaidh a chrùnadh mar [[bàrd|Bhàrd]] aig a’ [[Am Mòd Nàiseanta Rìoghail|Mhòd Nàiseanta]] ann an Dùn Èideann airson an dàin a sgrìobh e, “An Uilebheist is na Foghlamaich”. Ann an 1936 phòs e Mairead NicAonghais à [[Càrdainn Ros]]. Bha na pàrantan aicese bho Chamas Cros agus [[Cnòideart]]. Bha dithis chloinne aca, Innes agus Kirsteen.