An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Leonardo Boff"

Content deleted Content added
Loidhne 4:
 
==Diadhair an t-Saoraidh==
Eadar [[1970]] agus [[1992]] bha e na ollamh ann an diadhaireachd eagarach agus eadar-eaglaiseach ann an Institiud Frainseasach na Diadhaireachd ann an [[Petrópolis]] a bharrachd air a chuid obrach ann an corra oilthigh eile ann am [[Braisil]]. Eadar [[1970]] agus [[1985]] bha e na dheachsaichair aig ''Vozes'' agus bha e an lùib: ''Théologie et Libération''. B' e esan a dheasaich cruinneachadh na sgrìobh [[Carl Gustav Jung]]<ref>[http://leonardoboff.com/site/vista/2009/nov06.htm Leonardo Boff]</ref>. Chuideachd dheasaich e ''Eclesiástica Brasileira'' bho [[1970]] gu ruige [[1984]] agus ''Cultura Vozes'' bho [[1984]] gu ruige [[1992]] a bharrachd air ''Revue Internacional la Consultation'' eadar [[1970]] agus [[1995]]. Cuideachd ann an 1992 fhuair e dotaireachd honoris causa à [[Oilthigh Lund]] agus tha e ann an co-luadar le corra dhaoine san Eaglais anns [[An t-Suain]] fhathast.<ref>[http://www.ht.lu.se/forskning/hedersdoktorer/hedersdoktorer-vid-teologiska-fakulteten Lunds Universitet]</ref>
 
Ann an [[1984]] chaidh a ghairm dhan [[Cathair na Bhatacain|Bhatacain]] le Buidheann Mion-cheasnachadh Mòr na h-Eaglaise, air a stiùireadh le [[Pàpa Beinidict XVI|Joseph Ratzinger]], far an d' fhuair e fìor dhroch chàineadh air sgàth na sgrìobh e san leabhar aige ''Igreja: carisma e poder'', a ghabhadh ri [[Diadhaireachd an t-saoraidh]]. An ath [[Bliadhna|bhliadhna]], ann an [[1985]], chuir an [[eaglais]] peanas air Boff air sàilleabh gu robhar dhen bheachd gu robh ceangal làidir ann eadar Diadhaireachd an t-saoraidh agus [[Marxachas]]:<ref>[http://www.midiasemmascara.org/artigos/movimento-revolucionario/14333-o-politico-evangelico-ideal-e-leonardo-boff.html Mídia Sem Máscara]</ref> b' e sàmhchair agus a ùmhlachd bhathar a' sireadh bhuaithe. A dh' aindeoin seo, cha robh na rinneadh dha cho doirbh an taca ri na rinneadh dhan Fhraingeach [[Jacques Pohier]], is lean Boff air mar shagart is e gu math gnìomhach san eaglais ann am Braisil fhèin.<ref>The Silencing of Leonardo Boff: Liberation Theology and the Future of World Christianity, oleh Harvey Cox, (1988) ISBN 0-940989-35-2</ref>