An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Leonardo Boff"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
'S e [[sagart]] agus [[diadhair]] [[Eaglais Chaitligeach|Caitligeach]] a th' ann an '''Leonardo Boff''' (Fìor [[ainm]]: ''Genézio Darci Boff'', [[Concórdia (Santa Catarina)|Concórdia]], [[14 an Dùbhlachd]] [[1938]]).<ref>[http://leonardoboff.com/site/bio/cv.pdf Leonardo Boff]</ref> Tha e air a bhith an sas [[diadhaireachd an t-saoraidh]] fad a bheatha.
== Beatha ==
Bhuineadh na sinnsearan aige do [[Venezia]] thall san [[An Eadailt|Eadailt]], a dh' fhàg iad deireadh an [[19mh Linn]]. Tha a [[bràthair|bhràthair]] Clovis na shagart cuideachd.<ref>[http://www.editionsducerf.fr/html/fiche/ficheauteur.asp?n_aut=682 Editions du Cerf]</ref> Fhuair e a cuid fhoghlam ann an Concórdia fhèin, [[Rio Negro (Paraná)|Rio Negro]], ([[Paraná]]), agus [[Agudos]] ([[São Paulo]]). Thug e ceum ann am [[Feallsanachd]] à [[Oilthigh Churitiba]] agus ann an [[diadhaireachd]] à [[Oilthigh Caitligeach Phetrópolis]]. Ann an [[1959]] ghabh e ann an cuideachd nan [[Frainseasach]]. Mu dheireadh thall, fhuair e [[dotaireachd]] ann an diadhaireachd à [[Oilthigh Mhünchen]], ann an [[1970]]. B' e Karl Rahner a stiùir Boff tron teusas aige, ''Die Kirche als Sakrament im Horizont der Welterfahrung''. Thug na sgrìobh [[Martin Heidegger]] buaidh mhòr air Rahner.<ref>[http://nuevomundo.revues.org/47243 Nuevo Mundo] </ref> B' e ball [[Comann Iosaid|a' Chomainn Iosaid]] a bh' ann Rahner.<ref>Karl Rahner von Albert Raffelt, Hansjürgen Verweyen, C.H.Beck, 1997 ISBN 3-406-41941-0</ref>