An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Leonardo Boff"

Content deleted Content added
Loidhne 6:
Eadar [[1970]] agus [[1992]] bha e na ollamh ann an diadhaireachd eagarach agus eadar-eaglaiseach ann an Institiud Frainseasach na Diadhaireachd ann an [[Petrópolis]] a bharrachd air a chuid obrach ann an corra oilthigh eile ann am [[Braisil]]. Eadar [[1970]] agus [[1985]] bha e na dheachsaichair aig ''Vozes'' agus bha e an lùib : ''Théologie et Libératio''. B' e esan a dheasaich cruinneachadh na sgrìobh [[Carl Gustav Jung]]. Chuideachd dheasaich e ''Eclesiástica Brasileira'' bho [[1970]] gu ruige [[1984]] agus ''Cultura Vozes'' bho [[1984]] gu ruige [[1992]] a bharrachd air ''Revue Internacional la Consultation'' eadar [[1970]] agus [[1995]].
 
Ann an [[1984]] chaidh a ghairm dhan [[Cathair na Bhatacain|Bhatacain]] le Buidheann Mion-cheasnachadh Mòr na h-Eaglaise, air a stiùireadh le [[Pàpa Beinidict XVI|Joseph Ratzinger]], far an d' fhuair e fìor dhroch chàineadh air sgàth na sgrìobh e san leabhar aige ''Igreja: carisma e poder'', a ghabhadh ri [[Diadhaireachd an t-saoraidh]]. An ath [[Bliadhna|bhliadhna]], ann an [[1985]], chuir an [[eaglais]] peanas air Boff air sàilleabh gu robhar dhen bheachd gu robh ceangal làidir ann eadar Diadhaireachd an t-saoraidh agus [[Marxachas]];:<ref>[http://www.midiasemmascara.org/artigos/movimento-revolucionario/14333-o-politico-evangelico-ideal-e-leonardo-boff.html Mídia Sem Máscara]</ref> b' e sàmhchair agus a ùmhlachd bhathar a' sireadh bhuaithe. A dh' aindeoin seo, cha robh na rinneadh dha cho doirbh an taca ri na rinneadh dhan Fhraingeach [[Jacques Pohier]], is lean Boff air mar shagart is e gu math gnìomhach san eaglais ann am Braisil fhèin.
 
Ann an [[1992]], leis gu robh e a' dèanamh coimhearachd làidir an aghaidh ceannardan nam Frainseasach agus a’ càineadh gu cunbhalach mu na dhèanadh [[Pàpa Iain Pòl II]], chaidh a chur a-mach às an dreuchd aige mar shagart agus chaidh a dh' fhuireach ri boireannach air a bheil Marcia Maria Monteiro de Miranda. Cha do phòs iad. Tha Boff air sianar duine-cloinne a dh'uchd-mhacachd, agus tha dithis oghaichean aige cuideachd. Thug Diadhaireachd an t-saoraidh buaidh mhòr air [[Fidel Alejandro Castro Ruz|Fidel Castro]] agus bha esan agus Boff nan deagh caraidean.<ref>[http://www.dw.com/bs/boff-fidel-castro-je-nosio-kri%C5%BE-na-grudima/a-36573467 Deutche Welle]</ref>