An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "An t-Urramach Jack MacArtair"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
’S e ministear ann an [[Eaglais na h-Alba]] agus comhairliche riaghaltais ionadail a bha san '''Urr. Jack MacArtair''' ([[1938]]-[[2002]]) (Beurla: ''Jack MacArthur''). Bha e ainmeil ann an saoghal na Gàidhlig. Mar chomhairliche, bha e sònraichte seach gun robh ’na cheannard air Comataidh an Fhoghlaim aig trì comhairlean fa leth: Siorrachd Chataibh, [[Comhairle nan Eilean Siar|Na h-Eileanan Siar]], agus [[Comhairle na Gàidhealtachd]].
 
Rugadh agus thogadh e ann an Marbhaig, Grabhar, [[Leòdhas]]. Bha a bhràthair, [[An t-Urramach Ailean Iain MacArtair|Ailean Iain]], ’na mhinistear na h-eaglais cuideachd, agus ’na chomhairliche.
 
Chuir Jack ùidh mhór ann am poileataigs fhad ’s a bha e aig [[Oilthigh Ghlaschu]], faragus an robhbha e ’na cheann-suidhe air an University Union. Bha e co-aimsireil ri [[Dòmhnall Mac an Deòir]] agus [[Iain Mac a' Ghobhainn (ceannard a' Phartaidh Làbaraich)|Iain Mac a’ Ghobhainn]], dithis a chaidh air adhart gu àrd-chliù sa [[Partaidh Làbarach|Phartaidh Làbarach]].
 
Thòisich e a mhinistreaileachd ann an Eaglais na h-Alba aig [[Ceann Loch Biorbhaidh]] ann an [[Cataibh]] ann an 1966, agus chaidh e ’na chomhairliche aig a’ ''County Council''. Bha e ’na cheannard air comataidh an fhoghlaim mus do ghluais e ann an 1971 gu [[Carlabhagh]] ann an Leòdhas.
 
Bha e ’na bhall de [[Comhairle nan Eilean Siar]] nuair a chaidh a’ chomhairle ùr seo a stéidheachadh ann an 1974. A-rithist, bha e ’na cheannard air comataidh an fhoghlaim an sin, gus an do ghluais e gu bhith ’na mhinistear san [[An t-Àth Leathann|Àth Leathann]] san [[An t-Eilean Sgitheanach|Eilean Sgitheanach]] ann an 1979.
 
Cha b’fhada gus an deach a thaghadh, le cuibhreann mór mór de na bhòtaichean, gu Comhairle na Gàidhealtachd, agus gu luath bha e gu luath ’na cheannard air comataidh an fhoghlaim. Às déidh deich bliadhna san Eilean Sgitheanach, ghabh e ri gairm gu [[Eaglais Chaluim Chille (Glaschu)|Eaglais Chaluim Chille]] ann an Glaschu, far an robh e gus an do leig dheth a dhreuchd air sgàth droch-shlàinte ann an 1996.
 
Chaochail e ann an [[Glaschu]] san Dùbhlachd 2002.