An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "An t-Urramach Jack MacArtair"

Content deleted Content added
Chaidh duilleag le "’S e ministear ann an Eaglais na h-Alba agus comhairliche riaghaltais ionadail a bha san '''Urr. Jack MacArtair''' (1938-2002) (Beurla: ''Jack Ma..." a chruthachadh
 
No edit summary
Loidhne 5:
Chuir Jack ùidh mhór ann am poileataigs fhad ’s a bha e aig [[Oilthigh Ghlaschu]], far an robh e ’na cheann-suidhe air an University Union. Bha e co-aimsireil ri [[Dòmhnall Mac an Deòir]] agus [[Iain Mac a' Ghobhainn (ceannard a' Phartaidh Làbaraich)|Iain Mac a’ Ghobhainn]], dithis a chaidh air adhart gu àrd-chliù sa [[Partaidh Làbarach|Phartaidh Làbarach]].
 
Thòisich e a mhinistreaileachd ann an Eaglais na h-Alba aig [[Ceann Loch Biorbhaidh]] ann an [[Cataibh]] ann an 1966, agus chaidh e ’na chomhairliche aig a’ ''County Council''. Bha e ’na cheannard air comataidh an fhoghlaim mus do ghluais e ann an 1971 gu [[Carlabhagh]] ann an Leòdhas.
 
Bha e ’na bhall de [[Comhairle nan Eilean Siar]] nuair a chaidh a’ chomhairle ùr seo stéidheachadh ann an 1974. A-rithist, bha e ’na cheannard air comataidh an fhoghlaim an sin, gus an do ghluais e gu bhith ’na mhinistear san [[An t-Àth Leathann|Àth Leathann]] san [[An t-Eilean Sgitheanach|Eilean Sgitheanach]] ann an 1979.
 
Cha b’fhada gus an deach a thaghadh, le cuibhreann mór mór de na bhòtaichean, gu Comhairle na Gàidhealtachd, agus gu luath bha e ’na cheannard air comataidh an fhoghlaim. Às déidh deich bliadhna san Eilean Sgitheanach, ghabh e ri gairm gu [[Eaglais Chaluim Chille (Glaschu)|Eaglais Chaluim Chille]] ann an Glaschu, far an robh e gus an do leig dheth a dhreuchd air sgàth droch-shlàinte ann an 1996.
 
Chaochail e ann an [[Glaschu]] san Dùbhlachd 2002.