An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Patran a' phòsaidh na Roinne Eòrpa an Iar"

Content deleted Content added
Loidhne 27:
Chruthaich an èirigh na Crìosdaidheachd tuilleadh culaidhean-bhrosnachaidh a chumail teaghlaich lomarra is niùclasach; stèidhich an Eaglais laghan-pòsaidh agus cleachdaidhean phòsaidh gun do chladhaich fo buidhnean mòra chàirdeis. Cho moch ris an linn cheathramh, mhì-mhìsnich an Eaglais gnàthachadh sam bith gum meudaicheadh an teaghlach, mar [[uchd-mhacachd]], [[ioma-phòsadh]], [[co-leabachas]], briseadh-phòsaidh, agus pòsadh a-rithist. Mhì-mhìsnich is thoirmisg an Eaglais gu cruaidh pòsaidhean [[Co-fhuil|co-fhuilteach]], patran pòsaidh gu bheil air dòigh a cho-shuidheachadh a ghlèidheadh buidhnean chàirdeis (agus mar sin an neart) air feadh na h-eachdraidhe; lean an lagh na h-eaglaise an lagh catharra gus moch 'san linn naoitheamh, an uair gun do mheudaich an Eaglais Chaitligeach an t-àireamh nan ìrean toirmisgte à ceithir ri seachd.<ref>Seccombe, Wally, (1992): A Millennium of Family Change, Feudalism to Capitalism in Northwestern Europe, Verso. p. 184-186</ref> Ghiorraich an Eaglais cuideachd an comas nam pàrant a ghlèidheadh ceanglaichean-chàirdeis tro pòsaidhean suidhichte tron toirmeasg pòsaidhean anns nach do dh'aontaich a' bhean gu soilleir ris an aonachadh. Cha robh na riaghailtean seo gu do-sheachanta air leantainn gu h-aon-ghuthach agus cha tug dualchasan thairis na Roinne-Eòrpa gu crìoch dhan teaghlach niùclasach nuclear families, ach mus an leth deireannach nan Aoisean Meadhanach bha an taigheadas niùclasach ceannasach thar a' chuid a b' mò na Roinne-Eòrpa an Iar-thuath<ref>Amundsen, Darrel and Dreis, Carol Jean. 1973. "The Age of Menarche in Medieval Europe", ''Human Biology'' 45, pp. 363–368</ref> agus far an phòs mnathan eadar 12 is 15 bliadhna a dh'aois (a' co-thìmeachadh le [[inbhidheachd]]) agus phòs fir 'nam ficheadan-mheadhan anns na [[Creideamh cinealach|creideamhan tùsanach]], fad 's gun do sgaoil Crìosdaidheachd phòs fir cinneachdach na b' moiche agus phòs mnathan cinneachdach na b' fhadalaiche.<ref>Herlihy, David. 1985. ''Medieval Households''. Harvard University Press. Pgs. 17–19</ref>
 
Dh'fhaodadh an èirigh a' [[Mainearachas|mhainearachais]] 'san fhalamhachd air fhàgail leis an [[Tuiteam na h-Impire Ròmanaiche an Iar|Tuiteam na h-Impire Ròmanaiche an Iar]] a bhith a' fannachadh na ceanglaichean-chàirdeis aig a' cheart àm gun do ghiorraich an Eaglais an cumhachd nam [[Fìne|fìneachan]]; cho moch ris an linn 9mh air [[Austrasia]], bha beag na teaghlaich a dh'obraich air na mainearan, a' cumail nam pàrant is an clann is air uairibh seanphàrant. Bha an Eaglais is an Stàit air a fhàs 'nan caidreabhaich ann an lom-sgrìobadh an dlùth-phàirteachais agus mar sin an cumhachd sluagh-iùlach nam fìneachan; rannsaich an Eaglais gan cur fhèin 'san àite a' chreideimh dhùthchasaich, a charbad a bha 'na bhuidheann-chàirdeis, agus a' cur an ùghdarrais seanaire chreideimh ([[preasbadair]]) 'san àite nan [[Aois|seanair]] nam fìneachan. Aig a' cheart àm, chladhaich ceannaircean le fìneachan cumhachdach, [[Coimhearsnachd|coitcheann]] fodhan riaghladh an rìgh; mhaoidh an co-fheallaidhean is am mortan air an neart an stàit agus, nuair gun do fhàs mainearachas stèidhichte, mhaoidh iad cuideachd air an iarrtas nan tighearna nam mainear airson obraichean umhala, strìochdach; air an iar, bha mainearachas mì-shoirbheach gan stèidheachadh fhèin air [[Frìoslann]], [[Èirinn]], [[Alba]], [[A' Chuimrigh]], [[A’ Chòrn]], [[Sasainn an Ear|Anglia an Ear]], agus an deas na h-[[An Ibèir|Ibèire]] is an deas [[An Eadailt|na h-Eadailte]].<ref>Heather, Peter. 1999. ''The Visigoths from the Migration Period to the Seventh Century: An Ethnographic Perspective''. Boydell & Brewer Ltd. Pgs 142–148</ref><ref>Mitterauer, Michael. 2010. ''Why Europe?: The Medieval Origins of Its Special Path''. University of Chicago Press. Pg. 53–57</ref> Fad 's gun do chòmhnaich 's dh'obraich na tuathanaich agus [[Seirfeachas|seirfich]] air tuathanasan air a phàigh iad màl ri ris an tighearna a' [[Mainear|maineir]], agus bha feum aca air an ceud an tighearna a phòsadh, mar sin dh'fheumadh càraidean gèilleadh ris an tighearna agus fuireach gus an dh'fhàs tuathanas beag ri làimh mus b'urrainn dhaibh a phòsadh is mar sin a ghineamhainn clann; a-rèir ri coltais, bha na luchd siud a b'urrainn do a chur dàil is chuir dàil air pòsadh air dhìoghladh leis an tighearna-fearainn agus dhiùlt an tighearna-fearainn an dìoghladh ris na luchd siud nach do chuir dàil air pòsadh.<ref>[http://hbdchick.wordpress.com/2012/02/06/medieval-manoralism-and-the-hajnal-line/ 2014. Medieval Manorialism and the Hajnal Line]</ref>
 
Tha a' bhuil nan atharrachadh seo gun do dh'fhàs an aois phòsaidh caochlaideach a-rèir ris na coir ionmhasaile; an àite a' tighinn aig an tòiseachadh nam bliadhnaichean gineamhainn, thàinig pòsadh leis a' chomas air co-dhiù b'urrainn do càraid a phàigheadh màl air fearann beag. Gu dearbh, 'san [[Sasainn sna Linntean Meadhanach|Sasainn meadhan-aoiseach]] bha an [[aois pòsaidh]] caochlaideach a' crochadh ri cuir ionmhasaile, le càraidean a' cur dàil air pòsadh gus an na moch-ficheadan nuair a bha an t-àm 'na èiginn agus an aois chuibheasach a' tuiteam ris na fadalach-deugan an dèidh an Bàs Dubh, nuair bha ann gainneasan nan luchd-obrach;<ref>Hanawalt, Barbara A. 1986. The Ties That Bound: Peasant Families in Medieval England. Oxford University Press, Inc. Pg 96</ref> a-rèir ri coltais, cha robh am pòsadh òigearan an àbhaist air Sasainn.<ref>Hanawalt, p. 98-100</ref> Bha a' bhuil a' chaill ghraid dhaoine as a' phlàigh gun robh ann cus oibre airgeadaiche airson mòrain dhaoine agus b'urrainn do tuilleadh dhaoine ruigheachd air pòsadh mhoch, ag ìsleachadh na h-aoise pòsaidh ris na fadalach-deugan is mar sin a' meudachadh an torrachais.<ref>Lehmberg, Stanford E. and Samantha A. Meigs. 2008. The Peoples of the British Isles: A New History: From Prehistoric Times to 1688. Lyceum Books. Pg. 117</ref>