An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Raúl Modesto Castro Ruz"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 26:
Rugadh agus thogadh e air an [[dùthaich]], leis gu robh an [[teaghlach]] aige nan [[uachdaran|uachdaran]] fearainn. Bhuineadh [[athair]] - Ángel Castro y Argiz - do [[baile|bhaile]] bheag air a bheil [[Láncara]] thall san [[An Spàinn |Spàinn]] ach b' ann à Cùba a bha a [[màthair|mhàthair]], Lina Ruz González. B' e searbhant athar a bh' innte. Chaidh e gu na sgoiltean a b' fheàrr a bh' ann an [[Santiago de Cuba]]. Thug na ionnsaich bhon [[Comann Iosaid|Chomann Iosaid]] buaidh làidir airsan fad a bheatha. Phòs Castro leis a bhean aige - Vilma Lucila Espín Guillois ([[1930]] - [[2007]]) - beagan an dèidh an ar-a-maich. Rug i ceathrar duine-cloinne dha: Deborah, Mariela, Nilsa agus Alejandro.
==Beatha Poblach==
Bha e na bhall [[Pàrtaidh Ortadogsach|a' phàirtidh Ortadogsach]], a bha fo bhuaidh Eduardo Chivás, anns na [[40an]]. Bha e na shaighdear agus na ceann-feadhna anns an iomairt an aghaidh [[Fulgencio Batista Zaldívar|Bhatista]], a bha a [[bràthair|bhràthair]] mòr [[Fidel Alejandro Castro Ruz|Fidel]] a' ruith. Mòran na b' fhaide dhan taobh chlì às an toiseach tòisichidh na Fidel fhèin, bha e gu math cudromach dhan ar-a-mach anns na còmhraidhean a fhuaras ris an [[Aonadh Sobhiat]] nuair a leig [[Na Stàitean Aonaichte]] sìos Cùba. Chuir seachad bliadhnaichean aig obair air cùl-gnothaich ann am poileataigs eadar-nàiseanta às leth na dùthcha aige: rinn e càirdeas le tòrr dhaoine cudromach a chuidich Riaghaltas Fhidel.<ref>[https://www.yahoo.com/news/cubas-raul-castro-announces-retirement-5-years-005517085.html?ref=gs Yahoo]</ref> Ann an [[2008]], nuair a leig Fidel a dreuchd dheth, b' e Raúl a dh'ainmich e mar neach-ionlaid.
 
== Iomraidhean ==