An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Am Bogotazo"

Content deleted Content added
No edit summary
 
Loidhne 3:
 
== Tachartasan ==
 
Mharbh Juan Roa Sierra an tagraiche Libearalach, is chaidh esan fhèin a mharbhadh anns a’ bhad leis na daoine a bha an làthair cuideachd. Chan eil fhios aig duine sam bith carson an do rinn e sin.<ref>[https://archive.is/20120911073247/www.telesurtv.net/secciones/noticias/nota/26466/se-cumplen-60-anos-del-asesinato-en-bogota-de-jorge-eliecer-gaitan/ Se cumplen 60 años del asesinato en Bogotá de Jorge Eliécer Gaitán TeleSUR]</ref> Nochd gràisg aimhreiteach fheargach aig co-labhairt na Stàitean Aimearaganach. ‘S e toiseach a’ chuthaich a bha sin.
 
Bha mòran plunndrainn ann, leis gu robh an t-Arm agus Am [[poileas]] às an làthair. Ghabh na daoine aig Gaitán stèisean radio os làimh agus dh’iarr iad air [[Mariano Ospina Pérez]] an ceannas a leigeil dheth. Chan urrainn dhan cheann-suidhe aontachadh fhaighinn leis na Libearalaich airson an suidheachadh a chiùineadh is dh’fhàs a h-uile càil suidheachadh na bu mhiosa. Mu dheireadh thall, ‘s e na saighdearan a chuir smachd air an t-suidheachadh.
 
Bha [[Fidel Alejandro Castro RusRuz|Fidel Castro]] ann am Bogotá aig an àm airson chruinneachadh oileanaich le taic airgid a fhuair e bho [[Juan Domingo Perón]], ceann-suidhe aig an àm. Chuidich Castro na Libearalaich ann an aimhreit a bha seo.
 
== Buile ==