An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Fidel Alejandro Castro Ruz"

Content deleted Content added
Loidhne 30:
Thoisich e [[Oilthigh Havana]] ann an [[1945]] far an robh e gu mòr ann sàs ann am [[poileataigs]]. Bha e na bhall a' phàirtidh Ortadogsach, a bha fo bhuaidh Eduardo Chivás. Bha e an lùib ar-a-mach ann am [[Poblachd Dhoiminicia]] nach robh idir soirbheachail an an [[1947]]. Ann an [[1948]] chaidh e gu [[Bogotá]] airson chruinneachadh oileanaich le taic airgid a fhuair e bho [[Juan Domingo Perón]], ceann-suidhe aig an àm. Mharbh feachd an làimhe dheas [[Jorge Eliecer Gaitán]], tagraiche dhan cheannas airson nan [[Pàrtaidh Libearalach Choloimbia|Libearalach]]. Chuidich e na Libearalaich ann an aimhreit air an robh [[Am Bogotazo]]. Chuir e seachad bliadhnaichean na fhear-lagha ag obair às leth nan daoine bochda. Chuir [[Fulgencio Batista Zaldívar]] às dhan [[Riaghaltas]] ann an [[1952]] agus b' fheudar do Chastro slighe eile air adhart a lorg.
 
Chuir e ar-a-mach nàiseantach air dòigh an aghaidh Bhatista ann an [[1953]], ach dh'fhàilg e.<ref>Eckhardt, William, in Sivard, Ruth Leger (1987). World Military and Social Expenditures, 1987-88 (12th edition)</ref> Chuir e seachadh dà bhliadhna sa phrìosan, far an do leugh e [[Karl Marx|Marx]], [[Vladimir Lenin|Lenin]], [[José Julián Martí Pérez|Martí]], [[Sigmund Freud|Freud]], [[Immanuel Kant|Kant]], [[William Shakespeare|Shakespeare]], [[Axel Munthe|Munthe]], [[Somerset Maugham|Maugham]] agus [[Fyodor Dostoyevsky|Dostoyevsky]]. Chaidh e thall thairis an dèidh am prìosan fhàgail agus chruthaich e gluasad làidir an aghaidh Bhatista,air an robh MR-26-7 (Gluasad 26 an t-Iuchar). Thill e dhan dùthaich à [[Meagsago]] aige fhèin ann an [[1956]] air bord bata air a bheil Granma, 80 reubaltaich còmhla ris. Fad trì bliadhna bheireadh iad ionnsaigh air feachd an Riaghaltais. Theich Batista ann an [[1959]]<ref>José Navarro, History of Cuba - The Challenge of the York and the Star : Biography of a people, SI-MAR Publishing House La Habana Cuba, 2001 (ISBN 9789597054757)</ref> agus thug Castro seilbh air an dùthaich. Bha Castro os cionn na dùthcha, mar phrìomhaire agus mar cheann-suidhe fad 47 bliadhna, gus a leig e an dreuchd dheth ann an [[2006]].
 
== Iomraidhean ==