An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Gàidhlig"

Content deleted Content added
No edit summary
b Gall-Ghaidhealaibh->Gall-Ghàidhealaibh
Loidhne 35:
== Eachdraidh ==
=== Tòiseachadh ===
[[Faidhle:BookDeerMattCh1vv18 21Fol05r.jpg|thumb|240px|left|Tha an duilleag 5r tecstteacsa an t-Soisgeil a Rèir Mhata anns a’ Ghàidhlig.]]'S e cànan eachdraidheil do chuid mhòr de dh'[[Alba]] a th' anns a' Ghàidhlig agus is ann air na seann Ghàidheal, air an tug na Ròmanaich "[[Scotti]]" san [[Laideann]], a chaidh Alba ainmeachadh mar "[[Scotia]]" no "Scotland" anns a' chànan [[Gallda|Ghallta]]. Chan eilear cinnteach air dè cho fada 's a tha eachdraidh na Gàidhlig ann am [[Breatainn]] a tuath ach tha fianais ann bho ainmean-àite gun tàinig luchd-àiteachaidh Gàidhealach gu math tràth agus ann am mòr-àireamh do na Rannaibh ann an Gall-Ghàidhealaibh mus robh rìoghachd Dhál Riata air a stèidheachadh timcheall 500 AD. <ref>Iona, Anna Ritchie, Historic Scotland, 1997, ISBN 0-7134-7856-X; t-d: 29-30</ref>
 
Tha a’ Ghàidhlig air a bhith ga bruidhinn ann an Alba fad còrr is 1500 bliadhna, bhon a thugar a-nall à Èirinn i le na fògarraich a thathaich ann an [[Dail Riata]], mòr-thir cuimseach far a bheil Earra-Ghàidheal an-diugh. Bhon toiseach seo, sgaoil a’ Ghàidhlig a-mach tron mhòr chuid dhen dùthaich agus gu Innse Gall, a gabhail àite nan Cruithneach agus nan treubhan Ceilteach eile a bha san tìr. ''Cha do dh’fhuirich taobh a-muigh "Alba Ghàidhealach" seo ach a-mhàin Gallaibh, fìor earra dheas na dùthcha, agus na h-eileanan aig tuath.'' Le sin, feumaidh gun deach a’ Ghàidhlig a bhruidhinn, sa mhòr-chuid na dùthcha agus tha i air dìleab fhàgail ann an ainmean-àite na dùthcha.
 
Le stèidheachadh Rìoghachd Dhál Riata mu àm na 4mh linne, agus e a' dèanamh ceangail eadar an seann roinn de dh'[[Ulaidh]] ann an taobh a tuath na h-Éireann agus taobh siar na h-Alba, dh' fhàs cumhachd agus sgaoil na Gàidhlig agus bha buaidh mhòr aig an [[Eaglais Gaidhealach|eaglais Ghaidhealaich]] air a' chànan, agus i a' sineadhsìneadh a-mach tarsainn air Breatainn a tuath. Tha dearbhadh ainmean-àite a' sealltainn gun robh a' Ghàidhlig ga bruidhinn anns na [[Gall-GhaidhealaibhGhàidhealaibh]] mun 5mh no 6mh linn. An dèidh greis ghabh a' Ghàidhlig àite cànan nan [[Cruithneach]] gu tuath an [[Linne Foirthe|Uisge For]] agus cho fadalach ris an 15mh linn, b' e ''Scottis'' an t-ainm a bha orra anns a' Bheurla.
 
San naoidheamh linn às dèidh bhreith Chrìosda, bha ceannard nan Gàidheal, [[Coinneach I na h-Alba|Coinneach MacAilpein]] air na Cruithnich agus na Gàidheil a thoirt còmhla agus bha e mar a’ chiad riaghladair air Alba, mòr-raon a bha a’ gabhail a-steach a’ mhòr-chuid de dh’ Alba tuath air aibhnichean FhurthaFhoirthe agus [[Cluaidh|Chluaidh]]. Chun an latha an-diugh cleachdar an t-ainm ''Alba'' airson na dùthcha air fad.
 
=== Crìonadh na Gàidhlig ===
Loidhne 56:
Chrìon an cànan gu mòr le sgiùrsadh nan Gaidheal an dèidh [[Blàr Chuil Lodair]] an [[1746]]. Air sgàth 's gun do dh' fhàs na Cinn Cinnidh nan uachdarain às dèidh Blàir Chuil Lodair, dh' fhàs sgaradh eadar na daoine agus na h-uaislean. Bha na uaislean a' measgachadh le muinntir an Deas, a' bruidhinn Beurla agus ghabh iad thairis cleachdaidhean Gallda. Mar sin chaidh iad an ceangail ri muinntir na Gàidhealtachd a dh'fhàs bochd. Chuir an ''[[Scottish Society for the Propagation of Christian Knowledge]]'' (SSPCK) sgoiltean air a' Ghàidhealtachd gus cur às do cleachdaidhean Gàidhealach agus cànan nan Gàidheal. Bha iad den bheachd gun robh sin a' leasachadh muinntir na Gàidhealtachd. Bhon a sin bha droch inbhe aig a' Ghàidhlig, oir cha robh ach na daoine bochda ga bruidhinn, agus na daoine cumhachdail a' bruidhinn na Beurla. San 19mh linn bha àireamh nan daoine agus le sin an luchd-labhairt a' crìonadh gu luath air sgàth [[Fuadach nan Gàidheal|Fuadaichean na Gaidhealtachd]].
 
B’ e cùnntascunntas-sluaigh [[1891]] a’ chiad fhear a chunnt àireamh luchd-bruidhinn na Gàidhlig, agus chaidh 210,000 a chlàradh ann an Alba aig an àm sin. Ach bha imrich air falbh bhon Ghàidhealtachd, foghlam sa Bheurla agus buaidh nam meadhanan Gallda a’ ciallachadh gun robh a’ Ghàidhlig a’ sìor-chrìonadh tron fhicheadamh linn. Sa chunntas-sluaigh ann an [[1991]], cha robh ach 65,000 air an clàradh mar luchd-bruidhinn na Gàidhlig, an treas cuid de na bha ann ceud bliadhna ma bu tràithe.
 
== Cultar ==