An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Seán Ó Riada"

Content deleted Content added
+ iomraidhean
Loidhne 1:
{{Teamplaid:Ceòladair
| AINM = Seán Ó Riada
| DEALBH = Séan Ó Riada.jpg|thumb
Loidhne 16:
}}
B' e cumadair-ciùil Èireannach a bh' ann an '''Seán Ó Riada''' ([[Corcaigh]], [[1 an Lùnastal]] [[1931]] – [[Lunnainn]], [[3 an Dàmhair]] [[1971]]), no John Reidy mar a chaidh a bhaisteadh. 'S dòcha gum b’ e esan an duine aig an robh am buaidh a bu mhotha air ath-nuadhachadh a’ chiùil thraidiseanta ann an [[Èirinn|Èireann]] o na [[1960an]]. Gabh e pàirt air [[Ceoltóirí Chualann]] mar neach-ciùil, agus bha e na threòraiche-ciùil, na neach-ealain, agus na neach-film. Dh’fhàg e a shaothair, a tha na dhìleab chultarail ann an Saoghal [[Gàidhlig na h-Èireann]], is fhuair e urram is cliù air feadh an t-saoghal.
 
== Òigridh ==
Rugadh John Reidy ann an [[Contae Chorcaí]], is ghluais a theaghlach gu [[Áth Dara]], ann an [[Contae Luimnigh]], goirid an dèidh sin. Chaidh e gu Coláiste Naomh Fionnbarra, is sheinneadh e air an [[fidheall|fhidheall]], air a’ [[piàno|phiàno]] agus air an [[òrgan]], is dh’ionnsaich e cultar clasaigeach le [[Aloys Fleischmann]] aig Coláiste na hOllscoile, ann an [[Corcaigh]], far an robh e na reactar air Comann [[Feallsanachd|Fheallsanachd]]. Chomharraich e a cheumnachd ann an [[1952]].
Am bliadhna sin, chuideachadh e le stiùireadh air Raidió Éireann, is phòs e Ruth Coughlan ann an [[1953]]. Sna feasgaran sheinneadh e air a’ phiàno airson chòmhlanan-dannsa, is chaidh e dhan [[Fhraing]] airson greis , far an d’ fhuair e ùidh ann an ceòl avant-garde. Nuair a thill e a dh’Èirinn bha e na stiùiriche is na treòraiche-ciùil air Amharclann na Mainistreach ann am [[Baile Àtha Cliath]] gu [[1962]], aig an aon àm a chumadh e a dhreuchd air an rèidio. B’ ann aig an àm sin nuair a rinn e a mhòr chuid de cheòl avant-garde, m.e. “Nomos No. 1: Hercules Dux Ferrariae” ([[1957]]), no “Triptyche Pour Orchestre” ([[1960]]).
 
== Mise Éire ==
Rinn agus threòraich an Riadach ceòl airson foireann-ciùil le buaidh o [[Seann-Nòs|Sheann-Nòs]] agus o cheòl Clasaigeach a bha air a chleachdadh air filmichean is dealbhan-cluiche, mar a rinn cumadairean Eòrpach eile mar [[Dvořák]] ([[An t-Seic]]), [[Bartók]] ([[an Ungair]]) agus [[Ralph Vaughan Williams]] ([[Sasainn]]).
Ann an [[1959]], cho-obraich e le [[George Morrison]] air film ris an canar “Mise Éire”, mu dheidhinn stèidheachadh Phoblachd na h-Èireann. Choisinn e cliù gu nàiseanta, is rinn e sreathan is filmichean eile, m.e. “Saoirse” (1960), “An Tine Bheo” no prògram air rèidio, “Our Musical Heritage”. Thuirt Ó Riada gum bu chòir do dhuine èisteachd ri Seann-Nòs mar a dh’èisteadh pàiste ri òrain às [[na h-Innseachan]].
 
== Ceoltóirí Chualann ==
Bha e na cheannard air [[Ceoltóirí Chualann]] bho [[1961]] gu [[1969]], is ged a chluicheadh iad ann an talla-ciùil, is deiseachan dubh snasail orra, b’ e puirt is òrain traidiseanta a sheinneadh iad. Bhiodh Seán fhèin a’ cluich air [[bodhran]] no [[cruit-chòrda]] aig meadhan an àrd-ùrlair. Cha robh am bodhran cumanta aig an àm, biodh e dìreach air a chleachdadh le balaich sna sràidean, is cha robh fiù ‘s [[clàrsach|clàrsaichean]] fo an cothrom, mar sin chluicheadh e cruit-chòrda a dhèanadh [[Cathal Gannon]] dha. Ged a bha na h-òrain is puirt ud air an cluiche ann an taighean-seinnse ann an [[Lunnainn]], le Èireannaich a bha a’ fuireach ann, cha chluinneadh iad roimhe an ceòl sna tallachan-ciùil. Chlàr iad ceòl airson “Playboy of the Western World” ([[1962]]), is chluich iad an turas mu dheireadh ann an [[1969]], na tha clàraichte air “Ó Riada Sa Gaiety". Ghabh buill Cheoltóirí Chualann pàirt ann an còmhlan-ciùil ùr a nochd aig an àm, [[The Chieftains]]. Rinn Ceoltóirí Chualann agus daoine eile ath-bheòthachadh air cèol [[Toirdhealbhach Ó Cearbhalláin|Uí Chearbhalláin]] san darna leth dhen [[20mh Linn]] agus tha pìosan mar "Sí Bheag, Sí Mhór"<ref>[http://www.oldmusicproject.com/OCC.html Old Music Project]</ref> agus na pìosan a chleachd Planxty ainmeil gus ar làithean.
Line 27 ⟶ 30:
== Bliadhnaichean mu dheireadh ==
Bha Ó Riada na òraidiche-ciùil aig Gaeltacht Chúil Aodha, ann an taobh an Iar Chorcaí, is stèidhich e còisir fireann ann, Cór Chúil Aodha. Rinn e an sin ceòl airson aifreann ann an Gàidhlig na h-Èireann, m.e. “Ceol an Aifrinn”, "Ag Críost an Síol", is “Aifreann 2”, a bhuannaich duais ann an [[1979]], an dèidh e bàsachadh. Ghabh e pàirt ann an [[poileataics]] na h-Èireann is bhiodh e am measg daoine cudromach aig an àm. Chaochail e ann an Lunnainn air sgàth [[caitheamh a' ghrùthain]] ann an [[1971]]. Fhuair e tìodhlacadh ann am [[Baile Mhúirne]], Contae Chorcaí, is chluich am pìobaire [[Willie Clancy]] ann.
 
== Clàran ==
*''Ceolta Éireann'' / ''Music of Ireland'': Gael-Linn CEF 001 (LP, 1958), re-issued as Gael-Linn CEFCD 001 (CD, 2009).
Line 50 ⟶ 54:
*''Ó Riada's Farewell'': Claddagh Records CC 12 (LP, 1972).
*''Port na bPúcaí'' : [https://siopa.gael-linn.ie/sites/gael-linnEN/Product.aspx?cid=1885&pid=16431&treeid=2 Gael-Linn ORIADACD07] (CD, 2014)
 
== Iomraidhean ==
<references/>
[[Roinn-seòrsa:Luchd-ciùil Èireannach|Seán Ó Riada]]
[[Roinn-seòrsa:Luchd-ciùil|Seán Ó Riada]]