An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Calbhanaich"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 2:
 
== 1. Adhnair buileach ==
Leis a' pheachadh do ar ceud sinnsear, AdamAdhamh agus EveEubha, thuit iad o 'n ceud fhìreantachd, o 'n co-chomunn ri Dia, mar sin dh'fhàs iad marbh ann am peacadh, agus truaillidh gu h-iomlan, ann an uile bhuadhaibh an anama, agus ann an uile bhuill an cuirp. Do bhrìgh gu 'm b'iadsan Freumh a chinne-dhaoine uile, bha ciont a' pheacaidh seo air a mheas, agus am bàs ceudna 's a' pheacadh agus anns an nàdur thruaillidh, air iomchar a dh'ionnsuidh an sliochd uile a tha teachd uatha tre ghinealaich ghnàthaichte. O 'n truaillidheachd cheudna seo, leis am bheil sinn gu tur air ar cur o ghleus a chum aon nì maith, air ar dèanamh neo-chomasach maith air bith a choimhlionadh, agus air ar suidheachadh 'n a aghaidh, air ar n-aomadh gu h-iomlan chum an uilc, tha na h-uile peacadh gnìomha a' teachd.
 
== 2. Taghadh neo-chùmhnantach ==