An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Manuel Murillo Toro"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 28:
Rugadh Manuel Murillo Toro ann am baile beag ris an canar Chaparral, anns an [[Tolima (Roinn)|Tolima]], ann an [[1816]]. Chaidh e a chur gu [[Bogotá]] airson [[Leigheasachd]] ionnsachadh, ach leig esan an cùrsa sin airson an [[lagh]] ionnsachadh, agus dh’obair e airson Vicente Azuero agus Lino de Pombo nuair e na oileanach fhathast; thug e ceum ann an 1836.
 
Thoisich e a chuid obrach am broinn a’ Mhòr-dhail ann an [[1837]] agus bha e an siud rè [[Cogadh nan Àrdanach]], ([[1840]] – [[1843]]), na fhear-chuideachaidh dhe corra cheann-feadhna a’ Phàrtaidh Libearalach. Fhuair e àite dhàsan fhèin anns [[Pàrlamaid|a’ Phàrlamaid]] ann an [[1846]], agus nach e deagh [[òraidiche]] a bh’ ann, rinn e iomadh oraidòraid gus a chuid bharaillean taobh bheachd-smuaintean agus an slighe air adhart a thoirt gu buill, is easan air a bhith gam brosnachadh anns na meadhanan libearalach bho thoiseach na [[1840an]]. Bha e na Rùnaire (ministear) an [[Ionmhas|Ionmhais]] anns an Riaghaltas aig [[José Hilario López]] ([[1849]] – [[1853]]), far an do bhrosnachadh e saorsa an gnìomhachais agus Lagh Ath-Leasachadh an [[àiteachas|Àiteachais]] dhe [[1850]], leis an t-Sluagh-ghairm ''Bu chòir dha obair an fhearainn a bhith ri chùlaibh sealbhadaireachd an fhearainn'' is an lagh sin a’ feuchainn ri smachd laghail a chur air trusadh an fhearainn aig fear neo dithis; chaidh sin neartachadh aig ìre [[Bun-Reachd|a’ Bhun-Reachd]] mu dheireadh thall ann an [[1936]].
 
== Tagraiche ==
 
Bha e na thagraiche Ceannas [[Poblachd Ghranada Ùr|a’ Ghranada Ùire]] ann an [[1857]] (an t-ainm a bha air Coloimbia aig an àm) airson bhuidhne am broinn nam Libearalach, agus fhuair e an darnadàrna àite, ri chùlaibh an [[Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia|Tòraidh]] [[Mariano Ospina Rodríguez]] ach chuir e buaidh air an t-seann cheann-suidhe [[Tomás Cipriano de Mosquera]] (Tòraidh o shean ach a-nis tagraiche buidheann eile nam Libearalach).
 
== Ceann-suidhe ==
 
Chaidh Stàit Uachdaranachd na [[Santander (Roinn)|Santander]] a chur air dòigh sa bhliadhna seo fhèin, agus Murillo Toro ga thaghadh do Bharail Riochdairean na Stàite mar a’ chiad cheann-suidhe aige airson teirm bho 16 [[an Dàmhair|an Damhair]] [[1857]] gu ruige 16 [[an Dàmhair|andhen DamhairDàmhair]] [[1859]]. Leig esan a dreuchd sin 10 [[am Faoilleach]] [[1859]] o chionnschionn 's gun d’fhuair e àite anns an t-Seanadh. Ghabh Murillo Toro pàirt anns [[Co-chruinneachadh dhe Rionegro|a’ Cho-chruinneachadh dhe Rionegro]] ann an [[1863]]. Le sin; fhuair an dùthaich [[Bun-Reachd]] ùr agus ainm eile: [[Stàitean Aonaichte Choloimbia]]. An ath-bhliadhna rinn Murillo Toro an gnothach ann an taghaidhean a’ chinneas airson teirm dhe dà bhliadhna gu ruige [[1866]], agus a-rithist airson teirm eile eadar [[1872]] agus [[1874]]. SteidhichStèidhich esan am pàipear fiosrachail an Riaghaltais, an '''Diario Oficial''' (Am Pàipear Oifigeil). Cho-dhùin e gur e prìomh amas obair an Riaghaltais Sìth Sòisealta a lorg, tro mheadhan a’ chòmhradh. A bharrachd air sin, chuir e ùrachadh [[bun-structar]] na dùthcha air dòigh: mar eisimpleir, thug e an [[Dealan-spèid]] a Choloimbia, a dh’aindeoin a chuid ghràin sgafanta an aghaidh eadar-theachdachadh na Stàite anns an [[Eaconomaidh]]. Le sin, ‘s e dìreach esan fhèin a chuir air bhog an smaoineachadh poiliteagach, ris an canar [[Libearalas]] Raidigeach.
 
==Sgrìobhaidhean==
 
Taobh a chuid obrach anns na meadhanan agus mar ùghdair, steidhichstèidhich e '''Gaceta Mercantil de Santa Marta''', ([[Pàipear-naidheachd]] Marsanta dhe Santa Marta) ann an [[1847]] agus bha e an sàs ann an caochladh pàipearan eile. Chuir a bhàs, aig deireadh [[1880]], crìoch air a’ bhuaidh a bheireadh na smaointean libearalach-raidigeach air Riaghaltas an nàisein, o chionnschionn 's gun robh làmh an iuchair aig sreath dha riaghaltasan Tòraidh rè faisg air 50 bliadhna. chuimhne air na adhartasan taobh a’ chonaltraidh a rinn e. Chaidh am pàirc [[ball-coise]] Manuel Murillo Toro ann an [[Ibagué]], prìomh-bhaile na [[Tolima (Roinn)|Tolima]], a chur air dòigh mar chuimhne airsan.
 
== Iomraidhean ==