An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Beurla"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 29:
== Beurla sa Ghàidhlig agus cànanan eile ==
[[File:EN English Language Symbol ISO 639-1 IETF Language Tag Icon.svg|left|thumb|upright|EN ([[ISO 639]]-1)]]
Ged is i [[Sasainn]] a' [[Gàidhlig|Ghàidhlig]] air an [[dùthaich]], agus [[Sasannach]] air nithean a bhuineas do Shasainn, thàinig gur i ''Beurla'' a ghabhas air a' chànan. Tha Beurla a' buntainn do '''Bélre''' san t-seann Ghàidhlig, a' tighinn bho "beul" agus "re".<ref>[http://www2.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/macbain/macbain.txt/ Faclair MhicBheathain]</ref> Mar seo, tha i cuideachd a' ciallachadh ''cainnt'', no ''teanga '' san fharsaingeachd a bharrachd air a brìgh san latha a th' ann. Tha a' Ghàidhlig, a-rèiste, a' cur dealachadh eadar a' Bheurla Shasannach, mar a labhras ann an Sasainn i, agus Beurla Albannach, Beurla leathann, no mar as fheàrr a dh' aithnichear an-diugh i, [[Beurla Ghallda|a' Bheurla Ghallta]] air an cuireadh [[Beurla Ghallda]] bho chionn goirid air sgrìobhainnean oifigeil na h-Alba. 'S ann a tha cùisean a' tighinn nas toinnte buileach nuair a bheachdaicheas gur i [[Beurla na Fèinne]] a chanas ris an t-seann Ghàidhlig a bh' air a bruidhinn measg muinntir na Fèinne san t-seann aimsir.<ref>[http://www.faclair.com/?txtSearch=Beurla Dwelly-d]</ref>
 
Thachair gur e facal ceangailte ri ainm aon de na treubhan Gearmailteach - na h-Anglaich - a chuireadh air Sasainn agus air a' Bheurla Shasannach sa chànan fhèin; ''England'', ''English''. Mar an ceudna, anns a' chuid as motha de chànanan an t-saoghail ma-tà, tha am facal a thathas a' cur air Beurla, a' buntainn don fhacail a thathas a' cleachdadh mar ainm Shasainn (m.e. Angleterre, anglais; Inglaterra, ingles) ach ann an cànanan mar [[Sìonais|Shìonais]] no [[Iapanais]], chan eilear a' cur dealachadh eadar Sasainn, Beurla Shasainn no [[Breatainn]], a dh' aindeoin 's gum bheil faclan eile aca air [[Alba]], [[a' Chuimrigh]] ag]us [[Èirinn]] a Tuath. Mar eisimpleir, ann an Iapanais, canar 英語 (eigo) ri Beurla Shasainn, agus 英国(eikoku) ri [[Breatainn]], [[Sasainn]] no an [[Rìoghachd Aonaichte]] am bitheantas ach, 's e a th' ann am barail mòr-shluagh na dùthcha sin an da-rìreabh, ach Sasainn a-mhàin, oir chan eil eadar-dhealachadh ann eadar Breatainn (英国), agus an R.A (イギリス) no Sasainn (英国、イギリス、イングランド) nan [[eanchainn]]ean, do bhrìgh 's gum bheil dlùth-cheangail sa chainnt mhàthaireil aca eadar an ''cànan'' fhèin (Beurla Shasannach) agus na h-ainmean Breatainn, an R.A agus Sasainn uile. Thathar a-nis a' cur dealachadh eadar イングランド ''ingurando'' (Sasainn),スコットランド''sukottorando'' (Alba), ウエールズ''ueeruzu'' (A' Chuimrigh), 北アイルランド''kitaairurando''(Èirinn a Tuath) agus イギリス''igirisu'' (Sasainn, An Rìoghachd Aonaichte), gu h-àraid bhon a bha Sgioba Ball-coise Shasainn a' cluich ann an [[Cuach na Cruinne]] ann an [[Iapan]] an 2002. Gidheadh, 's e facal a bhuineas don fhacail [[Portagailis|Phortagailis]] - '''ingles''' - a th' ann an イギリス.